Plana àrd-amasach do nàdar

5 Màrt 2022

Tha buidheann nàdair na h-Alba NàdarAlba air a lèirsinn airson an ath cheithir bliadhna fhoillseachadh, agus i a’ cur an cèill plana àrd-amasach airson nàdar a dhìon is a leigheas is airson spèis a thoirt dha.

An cois a’ phlana tha gnìomhan mòra agus fòcas às ùr airson a dhol am bad cùisean-èiginn call bith-iomadachd is atharrachadh na gnàth-shìde còmhla.

Tha e a’ cur an cèill cheumannan airson call nàdair a stad ro 2030 agus airson nàdar a shlànachadh air feadh na h-Alba ro 2045.

Am measg nam prìomhachasan aig buidheann nàdair na h-Alba thairis air an ath cheithir bliadhna tha:

  • A bhith air cheann 30% de thalamh is muir na h-Alba air an dìon ro 2030
  • Leigheas talamh-mòine a thoirt am meud tro phròiseact Peatland ACTION airson a dhol fada seachad air targaid na h-Alba de 250,000 ha talamh-mòine air a leigeas ro 2030
  • Maoin Leigheas Nàdair a thoirt gu buil a tha ag amas air pròiseactan leigheas nàdair is na gnàth-shìde le buile mhòr
  • Àireamhan fhiadh a lùghdachadh gu mòr airson leigeil leis na coilltean is talamh-mòine againn fàs gu nàdarra is carbon a thasgadh.

Thuirt Ministear Bith-iomadachd Lorna Slater: “Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith ag obair gu dlùth ri NàdarAlba air leasachadh a’ phlana seo, a tha a’ cur cuideam air leigheas agus dìon àrainneachd nàdarra na h-Alba airson ‘nàdar beairteach dhuinn uile san àm ri teachd’ a liubhairt.

“As t-foghar foillsichidh sinn ro-innleachd bith-iomadachd ùr anns am bi targaidean àrd-amasach airson co-dhiù 30% de thalamh agus muir na h-Alba a dhìon do nàdar, agus 10% a dhìon gu mòr. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ri NàdarAlba airson ar n-amasan a choileanadh an dà chuid an seo agus thall thairis.

“’S e bliadhna chudromach do nàdar a bhios ann an 2022 – thèid frèam-obrach eadar-nàiseanta ùr airson stad a chur air call bith-iomadachd aontachadh aig COP15. Tha Alba air a bhith air cheann pròiseas Dhùn Èideann, a’ gairm taic bho riaghaltasan fo-nàiseanta eile, bailtean mòra, stàitean agus roinnean-dùthcha air feadh an t-saoghail airson amasan co-roinnte nàdair aontachadh.”

Thuirt Cathraiche NàdarAlba an Dtr Mike Cantlay: “Tha nàdar ann an èiginn agus tha cùis-èiginn na gnàth-shìde oirnn. Thathar air mòran a dhèanamh ach tha fios againn gu bheil cabhag nas motha a dhìth mu choinneimh nan dùbhlan mòra seo.

“Anns a’ phlana seo tha na gnìomhan mòra a nì NàdarAlba le ceannardas airson nàdar a dhìon agus a leigheas agus airson spèis a thoirt dha. An cois seo, thèid aig nàdar air còrr is 40% de dh’iomairt na h-Alba a dh’ionnsaigh sgaoilidhean carboin co-ionann ri neoni ro 2045 a choileanadh.

“Bidh ar cuid soirbheachais an eisimeil atharrachadh gu tur anns an dòigh a chleachdas agus a bheir sinn spèis dhan talamh is dhan mhuir. Tha e deatamach gu bheil an gluasad seo cothromach agus maoineachadh ann an nàdar a’ liubhairt bhuannachdan do dhaoine cho math ris a’ phlanaid tro chosnaidhean agus seilbheachd uaine.

“Tha fios againn nach urrainn dhuinn an lèirsinn seo a thoirt gu buil leinn fhìn. Mar bhuidheann nàdair na h-Alba, leanaidh sinn oirnn ag obair gu dlùth ri com-pàirtichean, coimhearsnachdan agus gnìomhachasan a dh’ionnsaigh amas co-roinnte ’s Alba a tha beairteach a thaobh nàdair agus co-ionann ri neoni.”

 

Contact