Thèid againn fhathast air car a chur den chrìonadh bith-iomadachd ro 2030 a-rèir còig prìomh bhuidhnean nàdair na Rìoghachd Aonaichte

22 Sultain 2021

Thèid againn fhathast air car a chur den chrìonadh bith-iomadachd ro 2030 a-rèir còig prìomh bhuidhnean nàdair na Rìoghachd Aonaichte

  • Còig buidhnean nàdair reachdail na RA ag iarraidh air a h-uile duine barrachd gnìomh is maoineachaidh do nàdar a ghairm an-dràsta fhèin
  • Aithisg a’ moladh gun gabh gnìomhachasan, buidhnean, bailtean mòra is riaghaltasan ri targaidean gus am bi iad Deimhinneach mu Nàdar – is a’ cur èiginn call bith-iomadachd is atharrachadh na gnàth-shìde air seasamh co-ionnan
  • Natural England (NE), Natural Resources Wales (NRW), NatureScot, Northern Ireland Environment Agency (NIEA) agus Joint Nature Conservation Committee (JNCC) a’ moladh naoi prìomh ghnìomhan airson RA a tha deimhinneach mu nàdar – Nature Positive UK - a chosnadh ro 2030

Tha barrachd gnìomh is maoineachaidh cho math ri fuasglaidhean nàdarra riatanach airson car a chur den chrìonadh bith-iomadachd ro 2030, a-rèir còig buidhnean nàdair reachdail na RA ann an aithisg ùr a chaidh fhoillseachadh an-diugh (Diciadain 22 Sultain). Tha an aithisg a’ comharrachadh bliadhna bhon a chaidh Gealladh Nàdair nan Ceannardan a chur an cèill, ris an do chuir còrr is 80 Ceann-stàite eadar-nàiseanta an ainm.

Tha Natural England (NE), Natural Resources Wales (NRW), NatureScot, Northern Ireland Environment Agency (NIEA) agus Joint Nature Conservation Committee (JNCC) air an aithisg Nature Positive 2030 fhoillseachadh, a tha a’ cur an cèill mar as urrainn don RA a chuid gheallaidhean an cois Gealladh Nàdair nan Ceannardan a choileanadh agus mar a tha slànachadh nàdair riatanach is sinn air slighe a dh’ionnsaigh Co-ionnan ri Neoni.

A-rèir toraidhean na h-aithisg, tha buannachdan mòra an cois coileanadh nan geallaidhean nàdair do shlàinte is sunnd nan daoine agus don eaconamaidh againn agus bidh tur-atharrachadh a dhìth san t-saoghal gu lèir againn agus anns an dòigh a tha a’ sinn a’ dìon, a’ toirt spèis dha is a’ com-pàirteachadh le nàdar. Tha an aithisg Nature Positive 2030 stèidhichte air beartas eòlais is ùr-ghnàthachas anns an RA anns a bheil fuasglaidhean as urrainnear a thoirt am meud airson atharrachadh a chosnadh.

Tha an aithisg a’ sònrachadh cho cudromach is a tha cleachdadh fhuasglaidhean nàdarra an cois atharrachadh na gnàth-shìde agus a’ taisbeanadh cho riatanach is a bhios nàdar anns an t-saoghal mhì-chinnteach a tha romhainn agus a’ cur beum air na comasan an cois nàdair is iad an crochadh air eag-shiostaman bith-iomadach a sheasas ris na h-atharrachaidhean a tha romhainn. Ma thig dàil air gnìomhan nàdair, bidh barrachd cosgais eaconamach ann agus barrachd chunnartan àrainneachail da rèir.

Tha an aithisg cuideachd a’ cur beum air cho cudromach is a tha nàdar airson taic a chumail ri slàinte is sunnd, mar a chunnaic sinn tro lèir-sgaoileadh Covid-19.

Tha Nature Positive 2030 a’ cur phrìomh ghnìomhan is cheuman a ghabhas coileanadh an cèill gus am bithear Deimhinneach mu Nàdar – a’ cur car dhen chrìonadh bith-iomadachd – ro 2030, agus a’ tighinn dhan cho-dhùnadh nach eil sinn air slighe gu bhith deimhinneach mu nàdar ro 2030 ach gun gabhadh an t-amas sin a choileanadh. Tha an aithisg a’ moladh naoi atharrachaidhean as urrainn do riaghaltasan nàiseanta is ionadail, uachdaranan, gnìomhachasan is buidhnean eile a dhèanamh a bheireadh buaidh mhòr air a’ chall bith-iomadachd san deichead seo. Is iad sin:

  • A’ dèanamh cinnteach gun soirbhich le fiadh-bheatha taobh a-staigh raointean glèidhte air muir is tìr.
  • A’ gleidheadh àrainnean fiadh-bheatha taobh a-muigh raointean glèidhteachais ann an dòigh nas fheàrr, gu h-àraid ann an àiteachan a th’ air an sònrachadh mar phàirtean de lìonraidhean nàdair no mar bhun-structar gorm/uaine cudromach.
  • A’ maoineachadh ath-bheothachadh is cruthachadh àrainnean airson lìonraidhean nàdair a neartachadh a bheir buaidh airson bith-iomadachd agus atharrachadh na gnàth-shìde.
  • A’ dèanamh cinnteach gu bheil builean do nàdar fillte an lùib phlanaichean leasachaidh air muir is tìr.
  • A’ dol am bad truailleadh èadhair is uisge gu h-àraid ro naidhtreoidean is amòinia.
  • A’ leasachadh margaid airson ionmhas uaine.
  • A’ leasachadh fhuasglaidhean nàdarra a chuireas car de dh’atharrachadh na gnàth-shìde.
  • A’ leasachadh stèidh fianais na RA gus am bi i deiseil gus taic a chumail ris na h-atharrachaidhean mòra a tha fo sheòl.
  • A’ gabhail ri targaidean gus am bithear nas deimhinniche mu nàdar.

Chithear anns an aithisg gum feum sinn na h-amasan againn airson nàdar a shlànachadh a dhèanamh aig ìre co-ionnan ri amasan airson na gnàth-shìde – feumaidh na daoine, na gnìomhachasan, na bailtean mòra agus na riaghaltasan a tha ag obair gu Co-ionnan ri Neoni a choileanadh a bhith deimhinneach mu nàdar cuideachd is iad a’ gabhail ri targaidean airson nàdar is a’ cur ghnìomhan deimhinneach mu nàdar air chois, mar eisimpleir tro bhith a’ stèidheachadh àrainnean fiadh-bheatha air fearann fo sheilbh is gàrraidhean is iad a’ neartachadh nàdar tro dhòighean lìbhrigidh is a’ cur cumhachd nan sporan againn gu feum airson roghainnean nàdarra a thaghadh is sinn a’ ceannach.

’S ann air togail saoghal nàdarra beartach a tha na prìomh ghnìomhan ann an Nature Positive 2030 stèidhichte agus eag-shiostaman slàn ann a tha nas seasmhaiche ro atharrachadh na gnàth-shìde agus anns a bheil barrachd bhuannachdan do bharrachd dhaoine.

Thuirt cathraiche Natural England, Tony Juniper:

“Thèid againn air nàdar a shlànachadh – ’s urrainn dhuinn a bhith Deimhinneach mu Nàdar ro 2020, ach feumaidh sinn a chur an gnìomh an-dràsta fhèin. Feumaidh sinn nàdar a thoirt am meud is carbon a thoirt an lughad agus feumaidh sinn an dà chùis èiginneach, call bith-iomadachd is atharrachadh na gnàth-shìde, fhuasgladh còmhla ri chèile agus tha an aithisg an-diugh a’ cur an cèill mar a nì sinn sin.

“Anns a’ bhliadhna a dh’fhalbh, tha Cinn-stàite às iomadh dùthaich, agus an RA nam measg, air geallaidhean fìor chudromach a chur an cèill airson nàdar a leigheas mar thoradh air cho riatanach is a tha seo dar cuid slàinte, sunnd agus eaconamaidh shoirbheachail is sheasmhach. Tha tur-atharrachadh a dhìth air feadh a’ chomainn-shòisealta airson na geallaidhean a choileanadh agus anns an dòigh a tha sinn a’ gleidheadh, a’ toirt spèis dha, a’ cleachdadh is a’ com-pàirteachadh le nàdar. Tha sinn a’ creidsinn gun gabh na geallaidhean seo a choileanadh agus anns an aithisg againn, chì sinn ciamar a shoirbhicheas leinn is sinn Deimhinneach mu Nàdar ro 2030 mar chlach-mhìle riatanach air slighe a dh’ionnsaigh slànachadh nàdair.”

Thuirt Clare Pillman, a tha na h-Àrd-oifigear le Natural Resources Wales:

“’S e slànachadh nàdair a’ phrìomh dhòigh dìon againn ro bhriseadh gnàth-shìde agus tha an aithisg seo a’ taisbeanadh co-amas nan ceithir nàiseanan san RA airson a thoirt gu buil.

“Tha an ùine a’ ruith air a’ chothrom airson seo a dhèanamh ach tha fios againn gun urrainnear atharrachadh a chur an sàs nuair a dh’obraicheas riaghaltasan, buidhnean is daoine còmhla ri chèile airson a’ ghnàth-shìde is an saoghal nàdarra againn a dhìon agus tha Natural Resources Wales mionnaichte gun cuir sinn ar làn thaic ris an oidhirp.

“Tha sinn an dòchas gum brosnaich an aithisg seo deasbad riatanach agus gun toir i air luchd nan co-dhùnaidhean air feadh an t-saoghail gnìomhan a chur an sàs mar eisimpleir do chàch air ciamar a bhios neartachadh àrainneachail gu math nan ginealaichean ri teachd.”

Thuirt Àrd-oifigear NatureScot, Francesca Osowska:

“Tha e an urra ris a h-uile duine a bhith deimhinneach mu nàdar. Tha fios againn gu bheil an dà chùis èiginneach, ‘s iad sin atharrachadh na gnàth-shìde agus crìonadh nàdair, ceangailte gu dlùth – nì sinn na dhà air neo cha dèan sinn càil.

“Tha Alba a’ cur a gualainn ris na dùbhlanan a tha romhainn gus an tèid againn air an t-amas gum bi sinn deimhinneach mu nàdar a thoirt gu buil.

“Mar sin dheth, ’s e seo an t-àm is sinn ag ullachadh airson COP26 ann an Glaschu, airson gnìomh dùbhlanach is deimhinneach a chur an sàs do nàdar is don ghnàth-shìde.”

Thuirt Cathraiche Joint Nature Conservation Committee, An t-Àrd-ollamh Colin Galbraith:

“’S e bliadhna fìor chudromach a tha seo do nàdar, do dh’atharrachadh na gnàth-shìde agus don t-saoghal ri teachd againn.

“Tha an aithisg seo a’ cur ris an deasbad is a’ sealltainn mar as urrainn dhuinn uile cuideachadh is saoghal deimhinneach mu nàdar a thoirt gu buil. Tha an aithisg a’ sònrachadh caochladh sgrùdaidhean-cùise air feadh na RA a tha a’ taisbeanadh mar a tha sinn a’ cur ri slànachadh nàdair mar-thà. Anns na h-eisimpleirean seo, chì sinn na thathar a’ dèanamh an-dràsta agus na b’ urrainn dhuinn dèanamh san àm ri teachd is sinn a’ cur ri saoghal a tha deimhinneach mu nàdar ro 2030 – tha taic sam bith na cuideachadh!

“Tha stèidh fianais air feadh na RA ri faicinn anns an aithisg chudromaich seo a tha a’ cumail taic ris an obair airson aontaidhean dùbhlanach eadar-nàiseanta a chosnadh air atharrachadh na gnàth-shìde is bith-iomadachd aig na co-labhairtean eadar-nàiseanta air bith-iomadach is atharrachadh na gnàth-shìde a dh’aithghearr.

“A-rèir na h-aithisg, tha an RA air thoiseach air mòran agus tha an gealladh air saoghal deimhinneach mu nàdar ro 2030 mar shàr eisimpleir mar-thà air dòighean-obrach deimhinneach mu nàdar air a’ mhuir is tìr againn.”

Thuirt Àrd-oifigear Northern Ireland Environment Agency (NIEA), Paul Donnelly:

“’S ann air nàdar fallainn a tha sinn a’ tighinn beò. Ach tha bith-iomadachd nàdair fo bhruthadh mòr an-dràsta aig àm nuair a tha sinn an cruaidh fheum oirre airson car a chur de bhuaidh atharrachadh na gnàth-shìde.

“Tha e riatanach gun coisinn sinn saoghal a tha deimhinneach mu nàdar agus gun toir sinn leigheas dhan chalpa nàdarra againn airson ar slàinte, ar sunnd is ar soirbheachas. Feumaidh sinn uile a bhith an sàs ann an dìon, slànachadh is ath-cheangal nàdair. Tha an aithisg UK Nature Positive 2030 a’ sealltainn dhuinn mar a nì sinn e. Tha na h-eisimpleirean, agus an fheadhainn à Èirinn a Tuath nam measg, a’ taisbeanadh mar a tha gnìomhan deimhinneach a’ tachairt agus a’ soirbheachadh airson nàdar agus nan daoine. Feumaidh sinn togail air na gnìomhan seo is an toirt am meud gus an stèidhich sinn nàdar a tha seasmhach don t-saoghal a th’ ann agus do shaoghal nan ginealaichean ri teachd.”

Cumaidh an aithisg taic ri gnìomhan na RA aig ìrean nàiseanta is eadar-nàiseanta is sinn a’ feuchainn ri aontaidhean dùbhlanach eadar-nàiseanta a chosnadh don ghnàth-thìde is bith-iomadachd aig COP26 agus COP15, anns am bi stèidh fianais a sheallas gu bheil an RA a’ toirt seachad deagh eisimpleir do chàch.

Tha pasgan com-pàirteachaidh de chuotaichean ri fhaotainn an seo: https://we.tl/t-TYoOwfeRbN 
 

English version

Contact