Tèarmann Nàdair Nàiseanta Beinn Uais - bileag an luchd-tadhail
Leugh ann am Beurla / Read in English
Fàilte gu Tèarmann Nàdair Nàiseanta Beinn Uais
Tha druim Bheinn Uais na sheasamh gu mòrail leis fhèin a’ coimhead thairis air Linne Mhoireibh a-staigh. Canaidh muinntir an àite ‘A’ Bheinn’ rithe.
’S e àite sònraichte a tha sa Bheinn. Tha na leòidean àrda aice fo bhratach de chòinneach bhog, agus bidh an t-amadan-mòintich, eun-beinne cho tearc ’s a th’ ann an Alba, a’ gintinn an seo. Chaidh na coireachan, na creagan agus h-ulbhagan fhàgail bho chruth-tìre Linn na Deighe. Dh’fhaodadh gum bi fitheach no iolaire-bhuidhe còmhla riut a’ coimhead an t-seallaidh on mhullach.
Mullach an t-saoghail
Bho phàirc nan càraichean tha an ceum a’ leantainn Allt a’ Bhealaich Mhòir le critheann, beithe agus caorann air na bruaichean. An dèidh cilemeatair, tha e a’ dol a-steach dhan Tèarmann far a bheil fraoch agus lusan boglaich. Tha e a’ lùbadh gu cas suas ulbhagan tro sgàirneach gus an ruig e An Cabar (946m).
An sin, gabh an t-slighe as dìriche a-null an druim chun a’ mhullaich, a’ cumail ri meadhan nan àitean a tha air bleith gus nach dèanar an còrr millidh. An dèidh 2 chilemeatair de choiseachd, air latha soilleir chì thu seallaidhean thar Linne Mhoireibh gu lèir gu tuath agus chun an ear, chun a’ Mhonaidh Ruaidh gu deas agus gu mullaich iomallach nam Fainich chun an iar.
Am baibh mòr
’S e sreath mhullaich a th’ ann am Beinn Uais, agus ’s e Glas Leathad Mòr (1046 m), as àirde dhiubh. Thathar an dùil gu bheil an t-ainm a’ tighinn bho ‘fuathas’ aig a bheil corra chiall mar eagal, uabhas, tannasg no baibh – deagh iomradh air làthaireachd na Beinne.
Airson an tuilleadh fiosrachaidh, cuir brath gu:
- NàdarAlba, Achadh an t-Sabhail, An Aghaidh Mhòir, PH22 1QD.
- Fòn: 01479 810 477
- nnr.scot
A' cur turas air dòigh
Ged a tha daoine measail air a dìreadh, agus tha sin an ìre mhath furasta, bu chòir spèis a thoirt do Bheinn Uais. Tha an t-slighe, a tha 4.5 cilemeatair a dh’fhaid, a’ tòiseachadh ann am pàirc chàraichean Coimisean na Coilltearachd anns a’ Gharbh Bhad air an A835 eadar Gairbh agus Ullapul, agus a’ gabhail suas A' Chabair agus a-null air druim a’ mhullaich. Bheir e mu sia uairean a dhol chun a’ mhullaich agus air ais.
• Thoir sùil air tuairmse na sìde agus dèan plana eile ma dh’atharraicheas an t-sìde air a’ bheinn.
• Biodh map, combaist, brògan beinne agus aodach blàth, dìonach ort fiù ’s as t-samhradh. Chan eil sgath fasgaidh air A’ Chabar no air an druim.
• Innse do chuideigin càit a bheil thu a’ dol agus nuair a thilleas tu.
• Cùm coin air iall ghoirid no rid shàil aig àm ginntinn nan eun a bhios a’ neadachadh air an talamh eadar An Giblean agus An t-Iuchar. Faodaidh coin a bhios a’ ruith air a’ mhullach toirt air an amadan-mhòintich na h-uighean no na h-iseanan a thrèigsinn.
• Tha baidhcean cuad agus baidhcean sreap mì-laghail. Bheir e bliadhnachan a’ càradh a’ mhillidh a nithear air lusan beinne lag.
• Tha taigh-beag poblach, ruigsinneach san àite-stad aig Drochaid an Airgid 3km / 1.8 mìle gu deas.
Creag a’ gluasad
’S e cruth-tìre bho Linn na Deighe, a tha 11,000 bliadhna a dh’aois, a th’ ann am Beinn Uais. Mar a bha an talamh tric a’ reothadh agus ag aiteamh, dh’fhàs fillidhean uachdrach na beinne na bu mhotha. Ghluais iad sin sìos a’ bheinn agus chruthaich iad na dromannan agus na tomain ìosal a chì sinn an-diugh. Thog eigh-shruthan, a bha a’ sruthadh thar na Gàidhealtachd, ulbhagan agus chaidh an tasgadh iomadh mìle air falbh. Coimhead airson nan ‘iomraill’ sin, gu h-àraidh an ulbhag mhòr faisg air A’ Chabar.
Buill-shneachda san Ògmhios
Bha talamh aig cinn-chinnidh nan Rothach air Beinn Uais, fhad ’s a bheireadh iad ball-sneachda dhan rìgh air latha meadhain an t-samhraidh. Aig an àm, ’s ann glè ainneamh a bhiodh an sneachd sna coireachan a tuath a’ leaghadh.
Tha fèidh, caoraich agus crodh air a bhith ag ionaltradh air a’ bheinn o chionn linntean Buinidh iomadh feansa, ceum agus fasgadh cloiche do mheadhan an 19mh linn nuair a bha a’ mhòrchuid dhen bheinn na h-oighreachd seilg.
Fiadh-bheatha Beinn Uais
Le còrr is 170 gnè, tha lusan pailt air a’ Bheinn. Bidh beith-bheag, braoileag ailpeach agus lus na feannaig a’ fàs sa bhoglaich leis a’ chrotal air na leòidean as ìsle. Tha dìtheanan artaigeach-ailpeach a’ fàs sna coireachan àrda. Bidh lusan a tha measail air searbhag a’ fàs mar raineach a’ pheirsill, raineach ailpeach agus seileach beag a’ fàs am measg nan creag. Coimhead airson fèidh, geàrr a’ mhonaidh, cearc-fhraoich, feadag bhuidhe agus tàrmachan Bidh an t-amadan-mòintich a’ gintinn air a’ bhrat air dromannan a’ mhullaich.
Brat tearc
Nuair a bhios tu a’ coiseachd air druim a’ mhullaich, tha e coltach ri bhith a’ coiseachd air brat-ùrlair tiugh. Le faisg air mìle a dh’fhaid, seo an sgìre as motha de chòinneach chlòimheach san RA. Tha e furasta còinneach a mhilleadh le stampadh, baidhcean no fiù ’s fèidh. Bidh am brat a’ call na spriong a th’ ann agus bàsaichidh e thar ùine. Tha ‘ceumannan’ leathann de thalamh lom air a bhleith a-nis air an druim. Le cumail ri meadhan nan ceumannan seo, cuidichidh tu a bhith a’ gleidheil a’ bhrat gu toileachas dhaoine eile.
Mapa an tèarmainn
Find out more on
- Visiting the reserve
- About the reserve
- Visit more of our nature reserves