A’ chiad Tèarmann Nàdair Nàiseanta san RA a’ comharrachadh 70mh bliadhna le dealbhan iongantach
22 Samhain 2021
This version is available in English.
Tha a’ chiad Tèarmann Nàdair Nàiseanta san Rìoghachd Aonaichte, Tèarmann Nàdair Nàiseanta Beinn Eighe, a’ comharrachadh a 70mh bliadhna an-diugh. Airson a’ chlach-mhìle seo aithneachadh, tha NatureScot a’ foillseachadh dhealbhan a bhuannaich farpais-dhealbh.
Ann an 1951, chaidh Beinn Eighe ainmneachadh na ciad Tèarmann Nàdair Nàiseanta san Rìoghachd Aonaichte airson a’ phàirt a bu mhotha den t-seann choille-ghiuthais prìseil ann an iar-thuath na h-Alba a dhìon. Tha an tèarmann nàdair na dhachaigh do dh’fhiadh-bheatha, a leithid fèidh, taghanan is iolairean-buidhe, is e a’ sìneadh 48 cilemeatair ceànagach. Anns na 70 bliadhna mu dheireadh, thathar air iomadh duais is tiotal a bhuileachadh air an tèarmann airson àrainnean is gnèithean cudromach a dhìon.
Thuirt Doug Bartholomew, manaidsear Tèarmann Nàdair Nàiseanta Beinn Eighe:
“Tha sinn uile taingeil gun deach an t-sàr àite seo air a’ Ghàidhealtachd a dhìon ann an 1951 agus tha sinn gu math moiteil gur e seo an Tèarmann Nàdair Nàiseanta as sine san Rìoghachd Aonaichte. ’S e àite air leth sònraichte do mhòran daoine a th’ anns an tèarmann nàdair – agus e cuideachd na phàirt chudromach de nàdar na h-Alba do mhòran ainmhidhean is lusan.
“Seachdad bliadhna on uair sin agus tha planaichean mòra againn fhathast do Bheinn Eighe! Anns na 70 bliadhna ri teachd, tha sinn a’ cur romhainn gum bi coille-giuthais fhallain againn anns am bi na pàirtean fa leth gan ceangal ri chèile agus cumaidh an tèarmann nàdair gu lèir taic ri farsaingeachd de dh’àrainnean fallain is measgachadh mòr de ghnèithean.”
Mar phàirt de thachartasan a’ chinn-bhliadhna, chuir NatureScot farpais-dhealbh air chois airson cruth-tìre, gnèithean is àrainnean Beinn Eighe a thaisbeanadh. B’ e Ben Catchpole à Norwich, a chuir mòran ùine seachad aig Beinn Eighe ag obair gu saor-thoileach, a bhuannaich agus b’ i Rachel Dhruimeanach à Ros an Iar a choisinn an dàrna àite.
Air an dealbh a bhuannaich, thuirt Ben: “Thog mi an ìomhaigh seo air feasgar anmoch as t-earrach is mi a’ coiseachd suas Allt a’ Chuirn. Tha am measgachadh eadar sàr sholas is seallaidhean brèagha ga fàgail am measg nan dealbhan as fheàrr leam. Aig an àm ud, bha mi an sàs ann an greis-obrach shaor-thoileach aig Tèarmann Nàdair Nàiseanta Beinn Eighe. Thug an obair buaidh mhòr air mo bheatha is i gam chuideachadh air mo shlighe gu bhith nam neach-glèidhteachais proifeiseanta.”
Thuirt Rachel gun do thog i a dealbh “nuair a bha mi a’ coiseachd suas Slighe a’ Phònaidh, a’ chuairt as fheàrr leam san sgìre ionadail. Thog mi an dealbh seo air sgàth is gur fhìor thoil leam gu bheil coltas òir leaghte a’ fleòdradh air uachdar na glumaig air na clachan.”
Gheibh an dithis bhuannaiche latha air leth le cothroman sònraichte aig an tèarmann ann an cuideachd neach-dhealbh proifeiseanta, a bheir cuideachadh is comhairle dhaibh.
Thuirt Doug cuideachd:
“Bha na dealbhan a fhuair sinn airson na farpais aig sàr àrd ìre. Cha b’ ann gun spàirn a bha breithneachadh nam buannaichean! Gum meal Ben is Rachel an naidheachd agus tapadh leibh dhan a h-uile duine a chuir dealbhan thugainn.”
Bidh na dealbhan a bhuannaiche is an fheadhainn air a’ gheàrr-liosta, cuide ri ìomhaighean a thogadh le sgoilearan Àrd-sgoil Gheàrrloch, gan taisbeanadh aig cuirm a’ chinn-bhliadhna air 27 Samhain ann an talla Cheann Loch Iù agus ann an taigh-tasgaidh Gheàrrloch sa Ghearran is sa Mhàrt (cinn-latha rin dearbhadh). Thathar cuideachd an dùil gun tèid na dealbhan a thaisbeanadh aig oifisean NatureScot ann an Inbhir Nis is Battleby san àm ri teachd.
Airson a’ cheann-bhliadhna chudromach seo a chomharrachadh, tha luchd-obrach NatureScot cuideachd air Story Map a chruthachadh is e a’ sealltainn na obrach riatanaich a rinneadh aig Beinn Eighe sna 70 bliadhna a dh’fhalbh.
NÒTAICHEAN DO LUCHD-DEASACHAIDH
Anns na 70 bliadhna on a chaidh ainmneachadh, tha Tèarmann Nàdair Nàiseanta Beinn Eighe air mòran acalaidean a chosnadh, a’ gabhail a-steach sreath ainmeachaidhean airson àrainnean is gnèithean sònraichte a dhìon. Cuideachd ’s e tè den dà làraich ann an Alba aig a bheil Dioplòma Eòrpach bho Chomhairle na h-Eòrpa, cho math ri bhith na phàirt de bhith-chruinne Rois an Iar aig UNESCO agus ann an 2019, chaidh a chlàradh na chiad Gene Conservation Unit san Rìoghachd Aonaichte, ag aithneachadh luach ginntinneachd giuthas Albannach Beinn Eighe.
Tha na duaisean airson na farpais-dhealbh mar a leanas:
- 1ad duais – Turas Bàta Eileanan Loch MaRuibhe – latha slàn còmhla ri luchd-obrach an tèarmainn is an neach-dhealbh phroifeiseanta Laurie Caimbeul, a’ rannsachadh is ag ionnsachadh mu eileanan Loch MaRuibhe agus cothroman ann dealbhan sònraichte a thogail.
- 2na duais – Greis-ionnsachaidh dhealbhan aig Tèarmann Nàdair Nàiseanta Beinn Eighe – Latha treòraichte còmhla ris an neach-dhealbh phroifeiseanta Laurie Caimbeul, a’ togail dhealbhan nàdair fa chomhair seallaidhean iongantach Beinn Eighe.
Tha 43 Tèarmainn Nàdair Nàiseanta ann an Alba. Tha iad seo nan àiteachan sònraichte a bhios a’ gabhail cùram ri cuid den nàdar as fheàrr an Alba às leth a h-uile duine a tha a’ fuireach no a bhios a’ tadhal air Alba, agus bidh iad a’ tabhann chothroman air leth a dhol a thadhal, a ghabhail tlachd is tuilleadh ionnsachadh mu nàdar na h-Alba. Tha barrachd fiosrachaidh air duilleagan-lìn NatureScot. Airson tuilleadh air Tèarmann Nàdair Nàiseanta Beinn Eighe, faicibh duilleag-lìn Beinn Eighe.