Atharrachadh gu tur airson nàdar na h-Alba a dhìon
20 Ògmhios 2022
Molaidhean àrd-amasach airson call bith-iomadachd a stad.
Tha cruth-atharrachadh a dhìth airson bith-iomadachd talmhaidh, fìor-uisge is na mara ann an Alba a dhìon is a leigheas.
Tha am fianais a’ sìor-fhàs gu bheil bith-iomadachd na h-Alba fhathast a’ crìonadh gu mòr agus tha Riaghaltas na h-Alba a’ sireadh bheachdan air an ro-innleachd ùr àrd-amasach aige airson stad a chur air call bith-iomadachd ro 2030 is a thilleadh ro 2045.
Tha an co-chomhairleachadh air Ro-innleachd Bith-iomadachd na h-Alba a’ cur an cèill lèirsinn fhad-ùineach an riaghaltais air a’ choltas a dh’fheumas a bhith air ar n-àrainneachd nàdarra ann an 2045 airson crìonadh bith-iomadachd a thilleadh is àr n-àrainneachd a dhìon airson an ama ri teachd. Tha sreath de thoraidhean gam moladh na chois is iad a’ cur air adhart na dh’fheumas a bhith air a dhèanamh, is na cumhaichean a dh’fheumas a bhith ann, airson soirbheis.
Thuirt am Ministear airson Bith-iomadachd Lorna Slater:
“Tha sinn ag aithneachadh gum feum an dà chùis-èiginn co-cheangailte a th’ ann an atharrachadh na gnàth-shìde is call nàdair gnìomhan faochnach bhon Riaghaltas is an t-sluagh. ’S e sin an t-adhbhar a stèidhich sinn Maoin Leigheas Nàdair anns a bheil luach £65 millean o chionn ghoirid, agus a gheall sinn air sgìrean glèidhte is lìonra na Pàirce Nàiseanta againn a leudachadh, agus a chuir sinn taic ri leudachadh àireamh nam bìobhair.
“Ach tha fios againn gum faod is gum feum sinn barrachd a dhèanamh. Gu mì-fhortanach tha am fianais a’ leigeil fhaicinn dhuinn nach do rinn Alba, coltach ris a’ chòrr den RA is an t-saoghal, gu leòr anns an fhichead bliadhna a dh’fhalbh airson maille a chur air a’ chrìonadh leantainneach ann am bith-iomadachd.
“Feumaidh an ro-innleachd a th’ againn an-dràsta, a dh’fhoillsicheadh ann an 2004, atharrachaidhean bunaiteach airson is gum freagair i na mì-chinntean ùra a tha romhainn mar thoradh air cùis-èiginn gnàth-shìde an t-saoghail. A thuilleadh air ceannardas ro-inleachdail aig àrd ìre, tha feum againn air seilbheachd sheasmhach na roinn poblaich is prìobhaidich airson ar cuid bhuilean a choileanadh cho math ri dòigh-obrach ion-ghabhalach an t-sluaigh a bhios a’ dol an sàs le coimhearsnachdan, gnìomhachasan is ceannardan le chèile.
“Tha an co-chomhairleachadh seo na phrìomh phàirt de leasachadh na dòigh-obrach ro-innleachdail ùir againn. Tha bith-iomadachd cudromach dhuinn uile agus mholainn gun cuir a h-uile duine an cuid bheachdan a-steach is ar cuideachadh le bhith a’ toirt cumadh air a’ phlana riatanach seo a dh’ionnsaigh Alba a bhios nas fheàrr is nas seasmhaiche san àm ri teachd.”
Thuirt Àrd-oifigear NàdarAlba, Francesca Osowska:
“Cha ghabh cudrom gu leòr a chur air cùisean-èiginn nàdair is na gnàth-shìde. Tha sinn air ìre èiginneach a ruighinn is feumaidh sinn ceuman àrd-amasach a ghabhail airson nàdair an-dràsta, agus tha an ro-innleachd ùr do bhith-iomadachd na h-Alba a’ toirt a’ chothruim as fheàrr dhuinn seo a dhèanamh.
“Mar thoradh air an oidhrip nàiseanta seo ro 2045 bidh sinn air bith-iomadachd a leigheas is a leasachadh air feadh ar cuid fearainn is mara. Bidh iomadachd sna gnèithean lusan is bheathaichean againn, agus seasaidh iad ri atharrachadh na gnàth-shìde agus tuigidh a h-uile duine cudrom is luach nàdair.
“Thèid targaidean bith-iomadachd an t-saoghail aontachadh aig COP15 a dh’aithghearr agus tha an t-àm ann tòiseachadh air an lèirsinn a thoirt gu buil.
“Mholainn gu mòr gun gabh daoine air feadh na h-Alba; com-pàirtichean; coimhearsnachdan is gnìomhachasan, pàirt anns a’ cho-chomhairleachadh agus gun tèid iad an sàs ann am beairteas nàdair is sgaoilidhean co-ionann ri neoni a thoirt gu buil dhuinn uile airson an ama ri teachd.”
Cùl-fhiosrachadh
Tha co-chomhairleachadh Ro-innleachd Bith-iomadachd na h-Alba na phàirt de dh’iomairtean conaltraidh ri farsaingeachd mhòr de chom-pàirtichean aig a bheil ùidh ann am bith-iomadachd na h-Alba, nam measg manaidsearan fearainn, buidhnean àrainneachdail, ùghdarrasan ionadail is eile. Chùm Riaghaltas na h-Alba sreath bhùithean-obrach airson raon-obrach na ro-innleachd a mhìneachadh, smuaintean a thrusadh is bun-bheachdan a chur fo dheuchainn. Tha an riaghaltas a-nis air smuaintean bho fharsaingeachd de bhuidhnean is daoine fa leth a chruinneachadh airson na beachdan seo a chur fo dheuchainn is a leasachadh.