Spèis nan Gàidheal air nàdar ga taisbeanadh ann an aithisg ùr

18 March 2021

Tha ainmean is beul-aithris nan Gàidheal a’ sealltainn dhuinn gu dè cho cudromach ’s a bha nàdar, agus na buannachdan na chois, do na Gàidheil, a rèir aithisg ùr a dh’fhoillsich NatureScot an-diugh.

Tha an glasadh-sluaigh agus cùis èiginn na gnàth-shìde air toirt air mòran beachd eile a ghabhail air nàdar agus barrachd meas a thoirt dha, agus, a rèir na h-aithisg, tha na Gàidheil air spèis a thoirt dha nàdar bho linntean tràth na h-Alba.

Rinn an sgrìobhadair is neach-aithris Gàidhlig, Ruairidh MacIlleathain sgrùdadh air ainmean Gàidhlig sa chruth-tìre, beul-aithris, sgeulachdan, bàrdachd is òrain airson an aithisg a thoirt gu buil. Lorg e an t-uabhas fianais air na dòighean a bha an saoghal nàdarra cudromach is luachmhor, mar eisimpleir, adhar glan, ùir thorrach is fiodh, cho math ri buannachdan spòrs is spioradail. A rèir rannsachadh MhicIlleathain, bha nàdar riatanach do na daoine a bu thràithe agus na ginealaichean a lean iad a bha a’ fuireach is a’ tighinn beò ann an Alba.

Thuirt Ruairidh MacIlleathain: “Tha an rannsachadh agam a’ sealltainn gun robh nàdar fìor chudromach anns a’ Ghàidhlig agus cultar nan Gàidheal ann an Alba a-riamh. Bha na sinnsearan againn glè eòlach air cho cudromach ’s a bha na buannachdan an cois nàdair agus sinn fhìn san latha an-diugh ag ionnsachadh às ùr gu dè cho cudromach ’s a tha e nar beatha làitheil – mar a chì sinn anns na h-ainmean is sgeulachdan Gàidhlig a mhair anns an t-saoghal mu thimcheall oirnn.

“Bha na Gàidheil eòlach air a’ cheangal eadarainn uile agus an saoghal nàdarra agus gu bheil beatha dhaoine an crochadh air nàdar – agus tha sin cho fìor san latha an-diugh is a bha an uair ud.”

Thuirt Comhairliche Eag-shiostaman is Cleachdadh Talmhainn aig NatureScot, Phil Baarda:
“Tha sinn uile dlùth-cheangailte ri nàdar agus na bheir e dhuinn. Is dòcha nach tuig sinn sin san latha a th’ ann ach thuig ar sinnsearan. Bha bun-eòlas fìor inntinneach an cois a’ phròiseict seo air mar a b’ urrainn dhuinn spèis a thoirt dha nàdar is sinn ag ionnsachadh mu na thug air na daoine a bh’ ann romhainn spèis a thoirt dha.”

Chaidh na ceudan a dh’ainmean co-cheangailte ri seirbheisean eag-shiostaim a lorg an cois rannsachadh na h-aithisg, a leithid biadh, fiodh, cungaidh-leighis, connadh is freumhag. Mar eisimpleir, bhiodh e glè choltach gum biodh iasg am pailteas ann an loch air a bheil ainm sa bheil am facal iasgach – mar eisimpleir, Loch an Iasgaich anns an Eilean Sgitheanach.

Mar a bhiodh dùil, tha iomadh ainm-àite ann co-cheangailte ri coilltean is craobhan, a tha ag innse dhuinn mun luach a chuir daoine orra o chionn fhada. ’S e as ciall don ainm Ceann a’ Ghiuthsaich ach ‘ceann na coille giuthais’ agus ’s ann an seo a bha giùthsach mòr a shìn a-mach gu tuath bhon àite.

Chithear iomradh gu tric air ainmean co-cheangailte ri tobar is fuaran is tiobar no tiobairt. ’S ann an Diùra a tha Port an Tiobairt – far an tigeadh maraichean gu tìr airson uisge fhaighinn. Bha cuid a thobraichean is fuarain ainmeil is thigeadh daoine thuca gu bitheanta airson buadhan leighis an uisge.

Chithear ainmean lusan is luibhean ann an iomadh ainm-àite, a leithid Abhainn Lusa san Eilean Sgitheanach agus Allt nan Luibhean ann an Loch Abar is Lòn Biolaireach ann am Muile.

Faodar an aithisg a leughadh aig https://www.nature.scot/naturescot-research-report-1230-ecosystem-services-and-gaelic-scoping-exercise 

Contact