Prògram glèidhteachais ùr a’ toirt aghaidh air crìonadh ghnèithean air costa na h-Alba ga chur air bhog an-diugh

3 Ògmhios 2023

Brath-naidheachd aig com-pàirteachas Ghnèithean air an Oir

Leugh ann am Beurla / Read in English

Tha ochd prìomh bhuidhnean glèidhteachais a’ cur air bhog prògram glèidhteachais ùr-ghnàthach, Gnèithean air an Oir, airson stad a chur air crìonadh iomadh gnè a tha ann an stait chugallach air costa na h-Alba.

Tha Gnèithean air an Oir na phròiseact com-pàirteachais ùr, dàna anns a bheil NàdarAlba is seachd carthannasan glèidhteachas nàdair an sàs, agus tha iad uile a’ cur romhpa 37 prìomh ghnèithean air costa is eileanan na h-Alba a thoirt am feabhas. Chomharraich am prògram an tachartas cur-air-bhog oifigeil aige air an 3mh Ògmhios le cuirm a bha saor an-asgaidh is fosgailte dhan a h-uile duine aig Cuaraidh Lògaidh faisg air Baile Dhubhthaich. ’S e Glèidhteachas nan Dealan-dè, a tha air cheann Ghnèithean air an Oir air a’ Chosta an Ear, a chuir an tachartas air dòigh air Oighreachd Bhaile a’ Ghobhainn.

Cosgaidh am prògram gu lèir còrr is £6.5 millean, le maoineachadh luach £4m a’ tighinn o Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta. Bidh Gnèithean air an Oir a’ lìbhrigeadh prògram-obrach a mhaireas ceithir bliadhna gu leth airson buaidh atharrachaidhean àrainneachdail air fiadh-bheatha a lùghdachadh, le buannachdan ann an dà chuid do nàdar is do dhaoine. Bidh na h-ochd buidhnean a’ toirt an t-sàr eòlais aca còmhla airson a dhol am bad crìonadh ghnèithean air feadh seachd sgìrean de dh’Alba: na h-Eileanan Siar; na h-Eileanan A-Staigh, Earra-Ghàidheal is Loch Abar; An Costa an Ear;  An Costa a Tuath; Costa Shalmhaigh; agus Sealtainn.

Tha Gnèithean air an Oir na chom-pàirteachas eadar Glèidhteachas nam Muir-thìreach is nan Snàigeach, Urras Glèidhteachais nan Ialtag, Buglife, Urras Glèidhteachais nan Seilleanan-mòra, Glèidhteachas nan Dealan-Dè, NàdarAlba, Plantlife agus RSPB na h-Alba.

Tha costa is eileanan na h-Alba am measg na feadhainn as measgaichte a thaobh bith-iomadachd san RA. ’S e tèarmann deireannach a th’ annta do chuid de na gnèithean as àlainne is as annasaiche, ach cuideachd as cugallaiche, a th’ againn. Tha mòran dhiubh a’ crìonadh agus tha cuid an impis a dhol à bith.

Ann an aithris State of Nature Scotland 2019 bha crìonadh de 49% ann an gnèithean na h-Alba o 1970, le 91 dhiubh ann am fìor chunnart. Tha call àrainnean, atharrachadh na gnàth-shìde, truailleadh, gnèithean neo-dhùthchasach, galaran, agus atharrachaidhean ann an cleachdadh na talmhainn nam prìomh adhbharan air cùl a’ chrìonaidh.

Ged a tha cur-seachadan dhaoine fhèin air cur ris an ìre de chrìonadh ann am bith-iomadachd, tha daoine aig teis-meadhan an tionndaidh na aghaidh cuideachd. Ann an co-obrachadh ri coimhearsnachdan ionadail, bidh Gnèithean air an Oir ag amas air:

  • gnèithean a lorgar air costa is eileanan na h-Alba a dhìon is a thoirt am feabhas airson na ama ri teachd
  • lìonra-taice a stèidheachadh eadar coimhearsnachdan airson bith-iomadachd chugallach a dhìon
  • dòighean-obrach com-pàirteachail a neartachadh ann an obair ghlèidhteachais ann an Alba
  • aire a thogail dha cho cudromach is a tha bith-iomadachd do dh’Alba.

Am measg obair a’ phròiseict bidh suirbhidheadh is sgrùdadh ghnèithean, cruthachadh is leigheas àrainnean, tachartasan foghlaim is ionnsachaidh, comhairle do mhanaidsearan fearainn, cothroman air obair saor-thoileach, trèanadh, greisean-obrach is eile.

Tha muir-thìrich, eòin, ialtagan, lusan, dealanan-dè, seilleanan-mòra is grunn neo-dhruim-altachain eile am measg nam prìomh ghnèithean aig Gnèithean air an Oir. Bidh an tachartas cur-air-bhog gu sònraichte a’ coimhead air a’ ghorman bheag – tè de na prìomh ghnèithean air a’ Chosta an Ear a bhios a’ sìolachadh aig Cuaraidh Lògaidh. 

Thuirt Nick Halfhide, Stiùiriche Nàdair is Atharrachadh na Gnàth-shìde aig NàdarAlba: “Tha e sgoinneil gu bheil Gnèithean air an Oir ga chur air bhog. ’S e sàr eisimpleir a th’ ann de na ghabhas a dhèanamh tro obair chom-pàirteachais agus, le cùis-èiginn bith-iomadachd oirnn, cuidichidh seo sinn leis an oidhirp as motha a dhèanamh is gnèithean cugallach air costa is eileanan na h-Alba a dhìon airson an ama ri teachd.”

Thuirt Caroline Clark, Stiùiriche na h-Alba aig Maoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta “Tha costa na h-Alba iongantach, sgurrach, fiadhaich is àlainn. Aig a’ cheart àm tha e na tèarmann do dh’eag-eòlas brisg, dualchas nàdarra a bu chòir dhuinn a dhìon.”

“Tha mi air mo dhòigh gu bheil Cluicheadairean a’ Chrannchuir Nàiseanta ga chur an coimeas dhuinn obair Ghnèithean air an Oir a mhaoineachadh do choimhearsnachdan costa is eileanan na h-Alba airson cuid de na gnèithean as cugallaiche againn a dhìon is a leigheas.”

Tha Glèidhteachas nan Dealan-dè air a bhith ag obair còmhla ri Oighreachd Bhaile a’ Ghobhainn aig Cuaraidh Lògaidh airson taic a chumail ri gnèithean cugallach a ghabhas a lorg am measg nan iomadh àrainn aige: fraoch, coilltean, lochanan, lodan ràitheil, is gainmheach. Chailleadh an gorman beag, an dealan-dè as lugha san RA, bhon làraich mur am b’ e an obair a rinneadh airson àrainn nan dealan-dè a thoirt am feabhas. Leanaidh an tuilleadh obrach aig a’ chuaraidh mar phàirt de Ghnèithean air an Oir agus gheibh saor-thoilich trèanadh airson bith-iomadachd na sgìre a shuirbhidheadh is sgrùdadh.

Thuirt Callum Paterson, factar Bhaile a’ Ghobhainn “Tha sinn air an dòigh an tachartas seo a chumail an-diugh. Tha e na thogail-cridhe a dh’fhaicinn mar a tha bith-iomadachd ga toirt am feabhas air an làraich mar thoradh air obair Glèidhteachas nan Dealan-dè agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri cumail oirnn ag obair ann an com-pàirteachas tro Ghnèithean air an Oir.”

Thuirt Tracy Munro, Oifigear Pròiseict Ghnèithean air an Oir le Glèidhteachas nan Dealan-dè “Tha sinn uabhasach toilichte am pròiseact cudromach seo a chur air bhog gu poblach aig Cuaraidh Lògaidh far a bheil Oighreachd Bhaile a’ Ghobhainn ag obair còmhla rinn airson àrainnean a dhìon dhan Ghorman Bheag is Leumadair-lachdann a tha fo chunnart. Bidh deagh bhuaidh aig a’ phròiseact seo air iomadh gnè ann an Alba agus tha sinn moiteil is air bhioran tòiseachadh air còmhla ri buidhnean com-pàirteachais is saor-thoilich.”

Contact