Òrain Ghàidhlig ùra gan taisbeanadh le àrd-sgoilearan na h-Alba
Leugh ann am Beurla / Read in English
14 Dàmhair 2022
Bidh òrain a sgrìobh luchd-labhairt òga na Gàidhlig a’ nochdadh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa ann am Peairt.
Thàinig na h-òrain à com-pàirteachas cruthachail, Caithream na Cruinne, eadar Fèis Rois ’s NàdarAlba. Chuir am pròiseact taic ri seachd àrd-sgoilearan airson òrain Ghàidhlig ùra ceangailte ri nàdar ’s cruthan-tìre na h-Alba a sgrìobhadh. Fhuair an òigridh cuideachadh bho sàr luchd-ciùil traidiseanta Màiri Anna NicUalraig ’s Eòghann MacEunraig.
An-diugh (14 Dàmhair) bidh an ceòl ùr ga fhoillseachadh ann an leabhar-ciùil digiteach anns am bi na faclan ’s fuinn a leigeas le daoine eile na h-òrain ionnsachadh ’s a mhealtainn.
Tha na h-òrain a’ cur an cèill iomagainean na h-òigridh ’s atharrachadh na gnàth-shìde an Alba ’s a’ bhuaidh air nàdar aig teis-mheadhan gach fuinn. Chuir na h-oileanaich romhpa sgrìobhadh mu chuspairean leithid èirigh àirde na mara, truailleadh ’s maoimean-talmhainn.
Bidh iad a’ gabhail an cuid òran mar phàirt de chuirm-chiùil shònraichte aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa ann am Peairt air an 17 Dàmhair. Bidh Màiri Anna NicUalraig ’s Finlay Wells a’ cumail taic ris an òigridh ’s iad a’ toirt an cuid saothrach chun an àrd-ùrlair airson na ciad uaireach.
Thuirt Oifigear Gàidhlig NàdarAlba, Robyn Ireland: “Tha e mìorbhaileach gu bheil na h-òrain dùrachdach ùra seo a’ beartachadh na th’ againn de cheòl nàdair. Tha e iongantach gun tug builean atharrachadh na gnàth-shìde air Alba buaidh air gach sgrìobhadair. Tha am pròiseact seo air a bhith na dheagh dhòigh do luchd-labhairt òga na Gàidhlig an cuid sgilean cruthachail ’s cànanach a leasachadh, cho math ri bhith na chothrom dhaibh ceangal a dhèanamh ri nàdar ’s an cuid beachdan air atharrachadh na gnàth-shìde a chur an cèill.”
Thuirt Ceannard Fèis Rois, Fiona Dalgetty: “Tha ceòl Gàidhlig riamh air èirigh bhon t-saoghal a tha mu ar cuairt agus tha am pròiseact seo a’ togail air seo - òrain ùra le dòchasan is draghan dhaoine òga aig cridhe gnothaich. ’S e dòigh chumhachdach a th’ ann an sgrìobhadh òran gus leigeil le daoine ar guthan a chluinntinn, agus seo an dearbh rud a tha na h-òrain seo a’ dèanamh. Tha sinn an dòchas gun còrd na h-òrain ribh, gun ionnsaich sibh iad agus gun sìn sibh air adhart do dhaoine eile iad.”
Mheòraich tè de na sgrìobhadairean òga, Elissa Hunter-Dorans, air a’ phròiseact: “’S e cothrom sònraichte a bh’ ann a bhith ag obair còmhla ri cuideigin cho tàlantach ri Eòghann MacEunraig ’s e a’ toirt taic dhomh fhad ’s a sgrìobh mi an t-òran agam airson pròiseact Caithream na Cruinne. Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ taisbeanadh an òrain agam aig a' Mhòd còmhla ris na sgrìobhadairean eile. Tha e cho cudromach gun tig sinn còmhla agus gun tog sinn ar faclan ’s ar guthan mar dhaoine òga, gu sònraichte leis gur ann nar làmhan-sa a tha dàn gnàth-shìde an t-saoghail.”
Gheibhear tiocaidean bho Thalla-Cluiche Pheairt.