Cèilidhean a’ tighinn chun nan àiteachan nàdarra as àlainne an Alba
18 July 2019
'S e àiteachan iongantach a th’ anns na Teàrmainn Nàdair Nàiseanta againn aig àm sam bith den bhliadhna. As t-samhradh-sa ge-tà tha adhbhar eile ann tadhal orra. Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (NatureScot) a’ dèanamh fiughair ri com-pàirteachas còmhla ri Fèis Rois a thaisbeanas cuirmean-ciùil beò am measg seallaidhean ’s fuaimean sònraichte ar saoghail nàdarraich.
Thairis air na beagan seachdainean air thoiseach oirnn, bidh a’ Chèilidh air Chuairt a’ tadhal air seachd de na teàrmainn nàdair nàiseanta againn ’s a’ cur ri ar n-obair leantainneach a bhios a’ dèanamh ceangal eadar daoine ’s nàdar air feadh na h-Alba.
Tha na tachartasan poblach seo mar phàirt de shreath farsaing de thachartasan airson tuilleadh luchd-tadhail a thàladh chun nan teàrmann agus beachdan a dhùsgadh air dè ghabhas a dhèanamh leinn uile airson nàdar a chuideachadh.
Thuirt Ceannard nan Teàrmann Nàdair, Stiùbhart MacGuaire: “Tha fadachd oirnn fàilte a chur air luchd-tadhail chun nan teàrmann nàdair nàiseanta againn airson nàdar ’s ceòl math a mhealtainn. Bidh sinn uile a’ faighinn iomadach buannachd à nàdar – agus tha dleastanas oirnn pàirt a ghabhail ann a bhith a’ cruthachadh saoghal airson an ama ri teachd a bhios beartach a thaobh nàdair. Chan ann a-mhàin mu ghlèidhteachas a tha seo – tha neartachadh ar nàdair cuideachd na phàirt den fhuasgladh air suidheachadh-èiginn na gnàth-shìde.”
“Tha e a’ sìor-thighinn am follais gu bheil ar n-òigridh nan luchd-iomairt dealasach san t-strì an aghaidh call ar n-àrainnean ’s gnèithean nàdarra. Tha e sgoinneil gum bi sàr luchd-ciùil òga a’ cleachdadh an cuid sgilean ’s tàlantan airson barrachd dhaoine a bhrosnachadh gus a dhol an sàs ann an cuideachadh ri nàdar a bheartachadh.”
Thuirt Fiona Dalgetty, Àrd-oifigear Fèis Rois: “Tha sinn fìor thoilichte gu bheil ar com-pàirteachas còmhla ri NatureScot a’ leantainn airson an t-siathaimh bliadhna. Tha dlùth-cheangal eadar a’ Ghàidhlig, ceòl traidiseanta agus cruthan-tìre na h-Alba. Tha iomradh air an t-saoghal nàdarra ann an tòrr de na fuinn ’s na h-òrain a chluicheas ’s a sheinneas an luchd-ciùil againn. ’S e pròiseact turasachd chultarach sònraichte a th’ anns a’ Chèilidh air Chuairt ’s e na chothrom do luchd-tadhail sàr cheòl traidiseanta a chluinntinn ann an àiteachan air leth air feadh na h-Alba.”
Bidh cèilidhean nan tèarmann a’ faighinn gu dol le cùirm aig Beinn Eighe air 23 An t-Iuchar, mus tadhail an luchd-ciùil air Tèarmainn Nàdair Nàiseanta Àird Eaba, Eas Chluaidh, Crag a’ Chnocain, Fors An-Àird, Cairnsmore of Fleet agus Loch Fleòid. Tha e saor an-asgaidh a dhol chun nan cùirmean agus tha fàilte ron a h-uile duine. Gheibhear cinn-latha air làrach-lìn Fèis Rois.