Panail Òigridh Gnèithean air an Oir
Read in English / Leugh ann am Beurla
Tha sinn a’ sireadh daoine eadar aois 16 is 25 anns gach sgìre far a bheil pròiseact Gnèithean air an Oir a’ dol aig a bheil ùidh pàirt a ghabhail air Panail Òigridh Gnèithean air an Oir.
Cumaidh muinntir na panail coinneamhan air loidhne a dheasbad cùisean co-cheangailte ris an àrainneachd nàdarra agus gheibh iad taic airson pròiseactan ionadail a dhealbhadh a bheir cothrom do bharrachd dhaoine a dhol an sàs nàdair. Bidh cothrom ann cuideachd a dhol gu tachartas còmhnaidh as t-earrach.
Cuir a-steach iarrtas leis an fhoirm seo.
Carson a tha do chuideachadh a dhìth oirnn?
Tha cladach is eileanan na h-Alba am measg nan sgìrean leis a’ bhith-iomadachd as motha san RA. Seo na tèarmainn mu dheireadh aig cuid dhe na beathaichean as bòidhche agus as annasaiche againn ach ’s iad seo an fheadhainn sa chunnart as motha cuideachd. Gu mì-fhortanach, tha mòran dhe na gnèithean againn a’ crìonadh ann an àireamh agus tha cunnart ann gun tèid iad à bith.
Tha Gnèithean air an Oir na chom-pàirteachas eadar NàdarAlba agus seachd carthannasan glèidhteachais a tha airson teachd-shaoghal nas fheàrr a chruthachadh do 37 dhe na gnèithean as ainneimhe a tha sa chunnart as motha air cladach is eileanan na h-Alba. Tha sinn ag obair le daoine ionadail air feadh seachd sgìrean a’ phròiseict a tha airson an fhiadh-bheatha ionadail aca a chuideachadh agus a shàbhaladh.
Tha sinn airson seasamh ri taobh gach neach a tha a’ strì airson nàdar agus gu sònraichte, tha an t-eòlas is na smuaintean ùra a bhios aig daoine òga a dhìth oirnn.
Ciamar a chuidicheas tu sinn?
Ma thèid thu an sàs na panail òigridh againn, ’s urrainn dhut rudan a rannsachadh is cùisean a dheasbad a bhuineas ris an àrainneachd nàdarra agus dha do choimhearsnachd le daoine òga eile air feadh na dùthcha.
Thig buill na panail cruinn co-dhiù ceithir tursan gach bliadhna agus gheibh iad cuireadh gu tachartas còmhnaidh as t-earrach. ’S ann tro na coinneamhan seo a chumas sinn taic ri buill na panail is iad a’ cur feabhas air nàdar far a bheil iad fhèin.
Dè a’ bhuannachd a thig às na lùib dhut fhèin?
Bheir Panail Òigridh Gnèithean air an Oir cothrom dhut eòlas fhaighinn agus sgilean is earbsa a leasachadh a nì e nas fhasa dhut fastadh a lorg. Gheibh thu taic pròiseact agad fhèin a leasachadh, bidh cothrom ri do làimh o fheadh a’ chom-pàirteachais agus cuiridh tu ri prògram Gnèithean air an Oir.
Seo buannachdan an dreuchd dhut fhèin:
- bidh cothrom agad coinneachadh ri daoine eile agus ionnsachadh a dhèanamh aig sàr-eòlaichean san raon ghlèidhteachais
- bidh cothrom agad pròiseact agad fhèin a leasachadh a bhrosnaicheas daoine eile gu nàdar
- cothroman trèanaidh airson leasachadh pearsanta
Pàighidh am prògram airson siubhal, cuid-oidhche is cosgaisean reusanta eile co-cheangailte ri Panail Òigridh Gnèithean air an Oir.
Na sgilean a tha fa-near dhuinne:
- ùidh ann am fiadh-bheatha na h-Alba
- deagh sgilean èisteachd is conaltraidh
- gu bheilear an dealas taic a thoirt dha na dh’fheumas coimhearsnachdan ioma-nàdarrach agus gu bheilear an dealas do cho-ionannachd chothroman
- deòntas sgilean ùra a thogail
- geall a dhol an sàs co-dhiù ceithir coinneamhan biortail gach bliadhna agus tachartas còmhnaidh as t-earrach (thèid latha a thaghadh le buill na panail)
- geall pròiseact agad fhèin a phlanadh a bhrosnaicheas daoine gu nàdar, le buidseat is taic luchd-obrach o sgioba Gnèithean air an Oir
Cò nì tagradh?
Tha fàilte ro thagraidhean o dhaoine a tha eadar 16 is 25 bliadhna a dh’aois agus a tha a’ fuireach ann an aon dhe na seachd sgìrean pròiseict againn: Na h-Eileanan Siar; Na h-Eileanan A-Staigh agus Earra-Ghàidheal; an Costa a Tuath; an Costa an Ear; Arcaibh; Sealtainn; agus an Linne Shalmhaigh.
Tha sinn a’ sireadh raon farsaing de dhaoine òga aig a bheil eòlas farsaing. Ge be pailteas eòlais ann an saor-thoileachas glèidhteachais a th’ agad no thu gun eòlas sam bith, mholamaid tagradh a chur thugainn; chan eil riatanach ach dìorras is dealas airson nàdar.
Tha sinn airson ’s gum bi a’ phanail cho ion-ghabhalach ’s a ghabhas agus ma tha feum agad air goireasan inntrigidh sòraichte, mholamaid dhut gun ainmich thu iad san tagradh.
Mar a chuireas tu tagradh thugainn
Tha sinn a' gabhail ri iarrtasan a-nis! Luchdaich a-nuas am foirm seo, lìon e, agus cuir air ais thugainn e air post-d: [email protected]
Tha fàilte mhòr ro cheistean: [email protected]