An taghan
B’ urrainn dhut a ràdh gur e an taghan am mamal as bòidhche ann an Alba agus tha e a-nis a’ sgapadh às an tèarmann aige air a’ Ghàidhealtachd.
Read in English / Leugh ann am Beurla
’S e ball de theaghlach nan neasan a th’ anns an taghan (Martes martes), mu mheud cait. Tha bian dorcha donn a’ còmhdachadh a chuip fhada (eadar 65 is 70cm a dh’fhaid) ach bad mòr a tha car geal air amhaich.
’S fheàrr leis an taghan na coilltean dùthchasach ach thig e beò ann am planntachas chraobhan cònach agus air creagan cuideachd. Nì iad neadan am measg chreagan, ann an craobhan falamh no sna neadan aig eòin no feòragan. Beiridh iad suas ri còig cuileanan sa Ghiblean. Bidh grunn gharaidhean aca cuideachd, àitichean tàimh san raon aca.
Bha iad cumanta air feadh Bhreatainn aig àm ach bhiodh daoine gan cumail fodha gu o chionn goirid. Ged a thàinig fàs air na h-àireamhan aca an dèidh crìonaidh sgriosail, tha iad ainneamh fhathast. Tha mu thuaiream 3,700 taghan inbheach ann an Alba. Chaidh a’ ghnè seo a chur fo làn-dìon an lagha ann an 1988.
An-diugh, tha an taghan ri lorg a-rithist anns a’ mhòrchuid de dh’Alba tuath air meadhan na dùthcha, le sluaghan an siud ’s an seo sna Crìochan agus ann an Dùn Phrìs is Gall-Ghàidhealaibh. Tha sluagh fèin-sheasmhach beag dhiubh ann an Gall-Ghàidhealaibh, far an deach an ath-stèidheachadh.
Chan fhaicear an taghan ann an coilltean a-mhàin, ach feumaidh gach aon dhiubh eadar 86 agus 166 heactair de choille na raon. Dh’fhaoidte gun seachain iad talamh fosgailte ’s eagal orra ro bheathaichean eile a nì sealg orra.
©Lorne Gill
Crìonadh an taghain
Rinn àireamh nan taghan dearg-thuiteam san 19mh linn, sa chiad dol a-mach an cois geur-leanmhainn le geamairean air oighreachdan seilg. Ach o dheireadh na 20mh linn, thòisich ath-sgapadh an taghain gu deas is sear on phrìomh tèarmann aige, iar-thuath na Gàidhealtachd.
Leis cho mòr ’s a tha an t-àite anns an deach a’ ghnè à bith, tha pailteas àitichean ann fhathast aige ri ath-thuineachadh. Mur an dèanar geur-leanmhainn mhì-laghail orra, thathar an dùil gun dèan iad dìreach sin.
Dìon is stiùireadh nan taghan
Adhbharaichidh taghain duilgheadasan ma bhios garadh aca ann an taigh (mar is trice, air an lobht). Tha e an aghaidh an lagha briseadh a-steach air garadh taghain no inntrigeadh do gharadh a bhacadh ach tha e ceadaichte mas ann an taigh-còmhnaidh a tha an garadh. ’S urrainn dhut bogsa briodaidh sònraichte a chur ann an craobhan am fagas airson àite eile a thoirt dhaibh.
Brisidh an taghan a-steach air cròithean-chearc no cròithean-sgaoilidh easagan cuideachd. Ma tha taghan a’ dèanamh cron mòr air beathaichean, dh’fhaoidte gun toir NàdarAlba seachad cead an smachdadh.
Barrachd fiosrachaidh mun taghan mar ghnè fo dhìon.
Barrachd fiosrachaidh mun taghan is ceadachasan.
Leugh an stiùireadh againn do luchd-planaidh is luchd-leasachaidh mu bheathaichean fo dhìon.
Leugh am plana ro-innleachdail airson aiseag nan taghan ann am Breatainn le Urras Fiadh-bheatha Bhionsant on bhliadhna 2021, le taic NàdarAlba agus Sasainn Nàdarra.
Leugh a’ cho-aithris air suidheachadh againn air aiseag taghain Bhreatainn, le Sasainn Nàdarra agus Goireasan Nàdarra na Cuimrigh, a’ toirt dealbh air na prìomh chuspairean a tha ri chnuasachadh a thaobh tar-ghluasad glèidhteachas nan taghan a thathar a’ moladh.
Dèan aithris air mamal
Fiosrachadh air mar a leigeas tu fios gum faca tu mamal àraidh air làrach-lìn Chomann nam Mamalan.