An Cat-fiadhaich

Chan fhaca mòran dhaoine cat-fiadhaich a-riamh – ’s e am mamal Albannach a tha sa chunnart as motha. Chan eil ach grunn cheudan dhiubh air fhàgail.

Read in English / Leugh ann am Beurla

Chan fhaca mòran dhaoine cat-fiadhaich a-riamh – ’s e am mamal Albannach sa chunnart as motha a th’ ann. Chan eil ach grunn cheudan dhiubh air fhàgail.

’S e an cat-fiadhaich Albannach (Felis silvestris) am feòil-itheadair as èalaidheach a th’ againn agus an aon chat dùthchasach a th’ air fhàgail ann am Breatainn. Tha an cat-fiadhaich na ghnè fo dhìon san Roinn Eòrpa.

Bhiodh an cat-fiadhaich cumanta air feadh mòr-thìr Bhreatainn aig aon àm. Ach bha e air an cumail fodha fad linntean agus chrìon is chrìon an raon aige agus mun Chiad Chogadh Mhòr, cha robh e beò ach ann an iar-thuath na h-Alba. Thàinig piseach air cùisean an dèidh sin agus tha iad beò an-diugh air mòr-thìr na h-Alba tuath air Sgàineadh Crìoch na Gàidhealtachd. Chan eil fios le cinnt air cò mheud cat-fiadhaich a tha ann an Alba agus tha beàrnan anns an fhiosrachadh a th’ againn a thaobh àireamhan.  Tha seo ri linn cho èalaidheach ’s a tha an cat-fiadhaich agus a chionn ’s gu bheil e doirbh an diofar eadar cait-fhiadhaich is cait thar-chinealach (hybrid) fhaicinn (faic gu h-ìosal). Rinneadh suirbhidh le camarathan a chuireadh faisg air na slighean aca eadar 2010 is 2013 air feadh raon a’ chait-fhiadhaich ann an Alba agus chan eil ach eadar 115 is 314 ann mu thuaiream.

’S fheàrr leis a’ chat-fhiadhaich Albannach fuireach air oir na coille, ann an garbhlach aig oir nam beanntan ’s air a’ mhòintich. Mar is trice, seachnaidh iad am monadh àrd, cladach a tha ris a’ ghaoith agus fearann ìosal a tha fo dhian-àiteachadh.

Mar a tha a’ mhòrchuid dhe na cait, ’s e creutair aonaranach a th’ anns a’ chat-fhiadhaich ach aig àm briodaidh. Bidh iad mun cuairt a latha ’s a dh’oidhche agus ithidh iad rudan eadar-dhealaichte ann an àitichean eadar-dhealaichte dhen dùthaich. ’S fheàrr leotha coineanaich, ach ma bhios iad gann aig àm no ann an àite, ’s e famhalain is luchagan a’ chreach as cudromaiche aig a’ chat-fhiadhaich an dèidh nan coineanach ann an Alba.

Tar-chinealachadh (hybridisation)

’S e measgachadh de ghineachan dhen chat-fhiadhaich is dhen chat-taighe a tha sna cait a tha a’ fuireach a-muigh air an dùthaich leotha fhèin ann an Alba, agus chan eil an aon choltas orra uile.

Cha ghabh a ràdh le cinnt an e cat-fiadhaich ‘gun truailleadh ginteil idir’ a th’ ann an cat air a bheil gnàth-choltas a’ chait-fhiadhaich. Ach ma tha cat a-muigh air an dùthaich leis fhèin ’s coltas a’ chait-fhiadhaich air, bu chòir suim a ghabhail dheth mar chat-fiadhaich is e fo dhìon an lagha.

Faic mar a dh’aithnicheas tu cat-fiadhaich Albannach air làrach-lìn Sàbhaladh nan cat-fhiadhaich.

Cait-fhiadhach ann an cunnart

’S e dol à bith ginteil an cunnart as motha a tha ron chat-fhiadhaich Albannach an cois tar-chinealachaidh (hybridisation) le cait fiadhain, cait-thaighe agus cait thar-chinealach eile.

Tha iad cuideachd ann an cunnart ri linn:

  • obair-smachd air beathaichean-seilg eile nach eil ag amas air a’ chat-fhiadhaich
  • thinneasan cait
  • thubaistean rathaid
  • bhloigheadh na bith-àrainne aca no briseadh a-steach orra an cois obair-togail no atharrachadh air stiùireadh fearainn

Glèidhteachas a’ chait-fhiadhaich Albannaich

Chaidh an cat-fiadhaich Albannach a chur am measg nam prìomhachasan airson obair-ghlèidhteachais ann an 2007, ann am Frèam-obrach Iomairt nan Gnèithean againn. Ri linn sin, chaidh Pròiseact Cat-fiadhaich a’ Mhonaidh Ruaidh a chur air chois airson barrachd fiosrachaidh a chruinneachadh mu na cait a tha beò air an dùthaich leotha fhèin taobh a-staigh Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh eadar 2009 is 2012.

Leugh aithisg dheireannach Pròiseact Cat-fiadhaich a’ Mhonaidh Ruaidh.

Tha NàdarAlba ag obair còmhla ri iomadh com-pàirtiche airson iomairt a’ chait-fhiadhaich a leudachadh. Còmhla, chuir sinn air chois Plana Iomairt Glèidhteachas a’ chait-fhiadhaich Albannaich ann an 2013.

B’ e Iomairt a’ Chait-fhiadhaich Albannaich (SWA) a’ chiad phròiseact glèidhteachais nàiseanta a chaidh a shuidheachadh airson amasan plana na h-iomairt a chur an gnìomh. Fo stiùir NàdarAlba is le taic bho Mhaoin Dualchas a’ Chrannchuir agus aithisg rannsachaidh air na prìomhachasan ann an glèidhteachas a’ chait-fhiadhaich. Chaidh an SWA a chur air chois ann an 2015 is thàinig e gu crìoch ann an 2020.

Leugh barrachd mu bhuaidh pròiseact SWA sa Gheàrr-chunntas againn air Iomairt a’ Chait-fhiadhaich Albannaich agus sna h-Aithisgean Sònraichte air Iomairt a’ Chait-fhiadhaich Albannaich.

A’ togail air obair an SWA, chaidh Sàbhaladh nan Cat-fiadhaich a stèidheachadh airson leudachadh glèidhteachas is ath-shlànachadh a’ bheathaich.

Sàbhaladh nan cat-fiadhaich

Tha Sàbhaladh nan Cat-fiadhaich (#SWAforLife) na cho-phròiseact Eòrpach airson glèidhteachas is ath-shlànachadh a’ chait-fhiadhaich Albannaich.

Tha sinn airson an cat-fiadhaich ann an Alba ath-bheòthachadh le bhith gam briodadh is gan leigeil mu sgaoil nan raointean fiadhaich.

A’ togail air an obair a rinn Iomairt a’ Chait-fhiadhaich Albannaich, nì iomairt Sàbhaladh nan Cat-fiadhaich na leanas a rèir a’ chiad phlana ghlèidhteachais nàiseanta dhan chat-fhiadhaich:

  • Stèidheachadh a’ chiad ionad mòr glèidhteachais dhan chat-fhiadhaich ann am Breatainn a nì ‘briodadh airson leigeil mu sgaoil’.
  • Toirt fàs air an àireamh de chait-fhiadhaich le bhith gan leigeil mu sgaoil.
  • Cur às do chunnartan dhan chait-fhiadhaich air a’ Ghàidhealtachd airson raointean a bharrachd a chruthachadh a bhios sàbhailte airson toirt air ais a’ chait-fhiadhaich.
  • Obair a dhèanamh còmhla ri coimhearsnachdan ionadail airson tuigse fhaighinn air na dòighean as fheàrr air am faigh daoine buannachdan o chait-fhiadhaich mun cuairt orra.

Tha am pròiseact seo a’ toirt cruinn an t-eòlas is na sgilean aig buidhnean nàiseanta is eadar-nàiseanta.

Tha am briodadh glèidhteachais is leigeil mu sgaoil nan cat-fiadhaich ga dhèanamh le com-pàirteachas Sàbhaladh nan Cat-fiadhaich fo stiùir Comann Ainmh-eòlas Rìoghail na h-Alba (RZSS) ann an co-bhanntachd le NàdarAlba, Coilltearachd is Fearann Alba (FLS), Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh (CNPA), Norden’s Ark agus Junta de Andalucía.

Dìon a’ chait-fhiadhaich Albannaich

Leugh mun chat-fhiadhaich mar ghnè fo dhìon

Ionnsaich mu chait-fhiadhaich is ceadachasan

Leugh an stiùireadh againn do luchd-planaidh is luchd-leasachaidh mun chat-fhiadhaich

Leugh nòta 35d san stiùireadh aig an FCS (200) – Obair sa choille agus an cat-fiadhaich ann an Alba

Leugh a’ bhuan-chomhairle againn air glacadh a’ chait-fhiadhaich air mhearachd

Dèan aithris air mamal

Fiosrachadh air mar a leigeas tu fios gum faca tu mamal àraidh air làrach-lìn Comann nam Mamalan.

Barrachd fiosrachaidh

Leugh am brath-naidheachd às ùire againn 'First-ever Scottish wildcat release approved' 24 Màrt 2023

Iarrtas-cead 220947 aig NàdarAlba - Sgrìobhainn a’ Cho-dhùnaidh

An cat-fiadhaich Albannach: A comparison of genetic and pelage characteristics: Aithisg Choimiseanaichte le NàdarAlba Àireamh 356 

Suirbhidh a’ Chait-fhiadhaich Albannaich 2006–2008: Aithisg Choimiseanaichte le NàdarAlba Àireamh 360

The use of camera trapping as a method to survey for the Scottish wildcat: Aithisg Choimiseanaichte le NàdarAlba Àireamh 479 

Caibideil a’ Chait-fhiadhaich – Leabhar-iùil Frèam-obrach Iomairt nan Gnèithean

Last updated: