Dualchas Nàdair na h-Alba & Gàidhlig

Tha obair Dualchas Nàdair na h-Alba co-cheangailte ri bhith a' toirt cùram dhan dualchas nàdarra

Tha a' Ghàidhlig na pàirt bhunaiteach de chultar is de dhualchas na h-Alba, agus tha i a' nochdadh na dàimh àrsaidh a tha eadar daoine agus nàdar tro chànan. Coltach ris gach pàirt de riaghaltas ann an Alba, tha dleastanas aig Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) Plana Gàidhlig a leasachadh agus cuideachadh gus na h-amasan nàiseanta airson a' chànain a lìbhrigeadh.

'S e an dàrna cuairt den Phlana Ghàidhlig aig SNH a th' anns an sgrìobhainn seo, air ullachadh taobh a-staigh frèam Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, agus cuideachd a' toirt aire do Phlana Nàiseanta na Gàidhlig agus dhan Stiùireadh mu Leasachadh Planaichean Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig. Tha e a' cur an cèill:

  • mar a chleachdas sinn a' Ghàidhlig san obair againn
  • mar a chuireas sinn air chomas Gàidhlig a chleachdadh ann an conaltradh ris a' phoball agus ri luchd-pàirteachaidh
  • mar a chuireas sinn