Maoin Slighean Nàdair Air Adhart 2026
Cuir a-steach tagradh ro 19mh Ògmhios 2026.
Read in English / Leugh ann am Beurla
A bheil deagh bheachd agad a thogas ceangal eadar òigridh 's nàdar agus a chuidicheas iad ri aghaidh a chur air èiginn na bith-iomadachd is na gnàth-shìde?
Cò dha a tha a' mhaoin?
Tha Maoin Slighean Nàdair Air Adhart 2026 do dhaoine òga, le daoine òga. Tha a' mhaoin a' toirt taic do phròiseactan air an ruith le daoine eadar 11-26 bliadhna a dh'aois agus tha i ag amas air òigridh a chuideachadh gus piseach a thoirt air an àrainneachd ionadail aca, barrachd chothroman an ceangal ri nàdar, eòlas is tuigse air bith-iomadachd na h-Alba a leudachadh, agus spionnadh a thoirt dhaibh aghaidh a chur air èiginn an nàdair is na gnàth-shìde.
Faodaidh duine òg no sgioba òigridh (2+) sam bith, a tha a' fuireach ann an Alba, agus eadar 11-26 bliadhna a dh'aois, tagradh a chur a-steach.
Faodaidh duine òg tagradh luach £500 gu £2000 a chur a-steach.
Faodaidh sgioba (2+) tagradh luach £1000 gu £5000 a chur a-steach.
Ciamar a chuireas mi tagradh a-steach?
Tha a' mhaoin seo air a dealbhadh le daoine òga do dhaoine òga. Leugh an Stiùireadh mus cuir thu beachd a-steach - innsidh an stiùireadh seo dhut a h-uile rud a dh'fheumas tu. Lorgaidh tu am foirm airson beachdan a chur a-steach air an duilleig seo cuideachd.
Cuir post-d gu [email protected] ma tha ceistean agad no ma tha feum agad orra ann an cruth no cànan eile, no ma tha cuideachadh sam bith eile a dhìth.
Cinn-latha Cudromach
Ceann-latha airson beachdan a chur a-steach – 19 Ògmhios 2026
- Ma tha thu airson beachd a chur a-steach airson maoineachadh, feumaidh tu am foirm a chur thugainn ro 19 Ògmhios 2026.
Co-dhùnaidhean – 10 Iuchar 2026
- Thèid an tagradh agad a mheasadh le pannal air am bi òigridh is NàdarAlba gan riochdachadh. Taghaidh iad-san na beachdan a gheibh am maoineachadh agus cluinnidh tu air ais ro 10 Iuchar 2026.
Am beachd gu buil - ro dheireadh na Samhna 2026
- Feumaidh pròiseactan soirbheachail a bhith air an toirt gu buil ro 30 Samhain 2026
Barrachd fiosrachaidh mun mhaoin
Chaidh Maoin Slighean Nàdair Air Adhart a chruthachadh le pannal òigridh air bith-iomadachd na h-Alba, ReRoute. Dhealbhaich pannal ReRoute na h-amasan, builean is slat-tomhais na maoine ann an co-bhonn ri NàdarAlba is YoungScot. Dhealbhaich iad e gus am faigheadh òigridh buannachd aiste, gum biodh e furasta tagradh a chur a-steach, agus dh'obraich iad gu cruaidh airson tagraidhean a bhrosnachadh bho roinn fharsaing de dhaoine, a dh'aindeoin na h-ìre de dh'ùidh aca ann an nàdar.
Chuireadh Maoin Slighean Nàdair Air Adhart air bhog ann an 2018 mar phàirt de Bhliadhna na h-Òigridh ann an Alba, le maoineachadh ann do dh'òigridh airson cur-seachadan, pròiseactan is beachdan a thoirt gu buil a nì ceangal eadar daoine is nàdar. Gu mì-fhortanach, tha greis ann on a ruith a' mhaoin, ach tha i a-nis air tilleadh agus deiseil airson òigridh a chuideachadh ri beachdan a thoirt gu buil!
Nam bu toil leat Maoin Slighean Nàdair Air Adhart a shanasachadh am measg na lìonra agad fhèin, cuir post-d gu [email protected]
Buidhnean a fhuair am maoineachadh roimhe:
- Ullapool Sea Savers – Sea Routes Project
- Eat, Sleep, Ride CIC
- Keiss Village Community Garden
- Our Future in Our Hands
- Turn the Tiles
- Barrhead High School – Eco-leadership group
- Good Chives Only
- Skel Well Festival
- Nature Pioneers
Ceistean mun mhaoin? Cuir post-d gu [email protected]
Barrachd fiosrachaidh