Slighean Mòra na h-Alba

Falbh air turas sònraichte. Tog ort is bi air do chuairteachadh le cuid dhen nàdar, seallaidhean-tìre, eachdraidh ’s cultar do-chreidsinneach a tha ri lorg ann an Alba.

Read in English / Leugh ann am Beurla

Tha Slighean Mòra na h-Alba na iomairt nàiseanta airson slighean air am falbh daoine iad fhèin. Tha gach slighe air a comharrachadh gu soilleir, mar is trice far an rathaid agus gheibhear diofar sheirbheisean do luchd-tadhail. Bidh iad co-dhiù 25 mìle a dh’fhaid agus iomchaidh airson tursan ioma-latha no tursan latha. Eadar na 29 slighean uile gu lèir, tha còrr is 1,900 mìle de shlighean air an deagh chumail eadar na Crìochan is a’ Ghàidhealtachd. ’S e cothroman air leth a th’ annta an nàdar is na seallaidhean-tìre as fheàrr ann an Alba fhaicinn is eòlas a chur air ar n-eachdraidh is cultar mìorbhaileach.

Falbh air dàna-thuras a mhaireas grunn làithean. Nì fiù ’s an fheadhainn as òige a’ chùis air turas ma nì sibh e ann am pìosan beaga thar grunn deireadh-sheachdainean.

Agus is urrainn dhut turas làithean-saora a dhèanamh dhe na slighean nas fhaide. Glèidh àite airson teanta no cuid-oidhche ro làimh – no iarr air companaidh turais seo a chur air dòigh dhut – is leig le daoine eile na bagaichean agad a ghiùlan ann.

Càit an tèid thu air Slighean Mòra na h-Alba?

Slighean on mhàthair-uisge chun na mara

Gabh fàileadh flùraichean an t-samhraidh, cùm cuirm-chnuic air bruach aibhne is bog do chasan sgìthe ann an glumagan is tu a’ falbh ri taobh nan aibhnichean mòra againn.

Slighean a’ chladaich

Sealladh is adhar na mara, bacannan gainmhich is eòin-mhara – tha slighean cladach na h-Alba a’ feitheamh ort.

Slighean eachdraidheil

Siubhail air ais ann an tìm. Falbh air staran naoimh no cuideigin fon choill a dh’fhàs na ghaisgeach. No lean slighean nan dròbhairean is mèirlich cruidh.

Slighean còmhdhail is siubhail

Coisich air dà cheum-tarraing ri taobh canàil a choinnicheas ri chèile aig Cuibhle na h-Eaglaise Brice – no coisich an t-astar air fad. Tha na slighean a leanas seann rathadan-iarainn furasta ri choiseachd cuideachd.

Slighean nam beann is nan lochan

Mas e àiteachan fiadhaich is bòidheach a tha a dhìth ort, lìon do bhaga is dèan air gin dhe na slighean seo. Chì thu cuid dhe na beanntan is lochan as drùidhtiche ann an Alba orra.

Barrachd fiosrachaidh

Last updated: