An Cat-fiadhaich
Chan fhaca mòran dhaoine cat-fiadhaich a-riamh – ’s e am mamal Albannach a tha sa chunnart as motha. Chan eil ach grunn cheudan dhiubh air fhàgail.
Read in English / Leugh ann am Beurla
Chan fhaca mòran dhaoine cat-fiadhaich a-riamh – ’s e am mamal Albannach sa chunnart as motha a th’ ann. Chan eil ach grunn cheudan dhiubh air fhàgail.
’S e an cat-fiadhaich Albannach (Felis silvestris) am feòil-itheadair as èalaidheach a th’ againn agus an aon chat dùthchasach a th’ air fhàgail ann am Breatainn. Tha an cat-fiadhaich na ghnè fo dhìon san Roinn Eòrpa.
Bhiodh an cat-fiadhaich cumanta air feadh mòr-thìr Bhreatainn aig aon àm. Ach bha e air an cumail fodha fad linntean agus chrìon is chrìon an raon aige agus mun Chiad Chogadh Mhòr, cha robh e beò ach ann an iar-thuath na h-Alba. Thàinig piseach air cùisean an dèidh sin agus tha iad beò an-diugh air mòr-thìr na h-Alba tuath air Sgàineadh Crìoch na Gàidhealtachd. Chan eil fios le cinnt air cò mheud cat-fiadhaich a tha ann an Alba agus tha beàrnan anns an fhiosrachadh a th’ againn a thaobh àireamhan. Tha seo ri linn cho èalaidheach ’s a tha an cat-fiadhaich agus a chionn ’s gu bheil e doirbh an diofar eadar cait-fhiadhaich is cait thar-chinealach (hybrid) fhaicinn (faic gu h-ìosal). Rinneadh suirbhidh le camarathan a chuireadh faisg air na slighean aca eadar 2010 is 2013 air feadh raon a’ chait-fhiadhaich ann an Alba agus chan eil ach eadar 115 is 314 ann mu thuaiream.
’S fheàrr leis a’ chat-fhiadhaich Albannach fuireach air oir na coille, ann an garbhlach aig oir nam beanntan ’s air a’ mhòintich. Mar is trice, seachnaidh iad am monadh àrd, cladach a tha ris a’ ghaoith agus fearann ìosal a tha fo dhian-àiteachadh.
Mar a tha a’ mhòrchuid dhe na cait, ’s e creutair aonaranach a th’ anns a’ chat-fhiadhaich ach aig àm briodaidh. Bidh iad mun cuairt a latha ’s a dh’oidhche agus ithidh iad rudan eadar-dhealaichte ann an àitichean eadar-dhealaichte dhen dùthaich. ’S fheàrr leotha coineanaich, ach ma bhios iad gann aig àm no ann an àite, ’s e famhalain is luchagan a’ chreach as cudromaiche aig a’ chat-fhiadhaich an dèidh nan coineanach ann an Alba.
Tar-chinealachadh (hybridisation)
’S e measgachadh de ghineachan dhen chat-fhiadhaich is dhen chat-taighe a tha sna cait a tha a’ fuireach a-muigh air an dùthaich leotha fhèin ann an Alba, agus chan eil an aon choltas orra uile.
Cha ghabh a ràdh le cinnt an e cat-fiadhaich ‘gun truailleadh ginteil idir’ a th’ ann an cat air a bheil gnàth-choltas a’ chait-fhiadhaich. Ach ma tha cat a-muigh air an dùthaich leis fhèin ’s coltas a’ chait-fhiadhaich air, bu chòir suim a ghabhail dheth mar chat-fiadhaich is e fo dhìon an lagha.
Faic mar a dh’aithnicheas tu cat-fiadhaich Albannach air làrach-lìn Sàbhaladh nan cat-fhiadhaich.
Cait-fhiadhach ann an cunnart
’S e dol à bith ginteil an cunnart as motha a tha ron chat-fhiadhaich Albannach an cois tar-chinealachaidh (hybridisation) le cait fiadhain, cait-thaighe agus cait thar-chinealach eile.
Tha iad cuideachd ann an cunnart ri linn:
- obair-smachd air beathaichean-seilg eile nach eil ag amas air a’ chat-fhiadhaich
- thinneasan cait
- thubaistean rathaid
- bhloigheadh na bith-àrainne aca no briseadh a-steach orra an cois obair-togail no atharrachadh air stiùireadh fearainn
Glèidhteachas a’ chait-fhiadhaich Albannaich
Chaidh an cat-fiadhaich Albannach a chur am measg nam prìomhachasan airson obair-ghlèidhteachais ann an 2007, ann am Frèam-obrach Iomairt nan Gnèithean againn. Ri linn sin, chaidh Pròiseact Cat-fiadhaich a’ Mhonaidh Ruaidh a chur air chois airson barrachd fiosrachaidh a chruinneachadh mu na cait a tha beò air an dùthaich leotha fhèin taobh a-staigh Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh eadar 2009 is 2012.
Leugh aithisg dheireannach Pròiseact Cat-fiadhaich a’ Mhonaidh Ruaidh.
Tha NàdarAlba ag obair còmhla ri iomadh com-pàirtiche airson iomairt a’ chait-fhiadhaich a leudachadh. Còmhla, chuir sinn air chois Plana Iomairt Glèidhteachas a’ chait-fhiadhaich Albannaich ann an 2013.
B’ e Iomairt a’ Chait-fhiadhaich Albannaich (SWA) a’ chiad phròiseact glèidhteachais nàiseanta a chaidh a shuidheachadh airson amasan plana na h-iomairt a chur an gnìomh. Fo stiùir NàdarAlba is le taic bho Mhaoin Dualchas a’ Chrannchuir agus aithisg rannsachaidh air na prìomhachasan ann an glèidhteachas a’ chait-fhiadhaich. Chaidh an SWA a chur air chois ann an 2015 is thàinig e gu crìoch ann an 2020.
Leugh barrachd mu bhuaidh pròiseact SWA sa Gheàrr-chunntas againn air Iomairt a’ Chait-fhiadhaich Albannaich agus sna h-Aithisgean Sònraichte air Iomairt a’ Chait-fhiadhaich Albannaich.
A’ togail air obair an SWA, chaidh Sàbhaladh nan Cat-fiadhaich a stèidheachadh airson leudachadh glèidhteachas is ath-shlànachadh a’ bheathaich.
Sàbhaladh nan cat-fiadhaich
Tha Sàbhaladh nan Cat-fiadhaich (#SWAforLife) na cho-phròiseact Eòrpach airson glèidhteachas is ath-shlànachadh a’ chait-fhiadhaich Albannaich.
Tha sinn airson an cat-fiadhaich ann an Alba ath-bheòthachadh le bhith gam briodadh is gan leigeil mu sgaoil nan raointean fiadhaich.
A’ togail air an obair a rinn Iomairt a’ Chait-fhiadhaich Albannaich, nì iomairt Sàbhaladh nan Cat-fiadhaich na leanas a rèir a’ chiad phlana ghlèidhteachais nàiseanta dhan chat-fhiadhaich:
- Stèidheachadh a’ chiad ionad mòr glèidhteachais dhan chat-fhiadhaich ann am Breatainn a nì ‘briodadh airson leigeil mu sgaoil’.
- Toirt fàs air an àireamh de chait-fhiadhaich le bhith gan leigeil mu sgaoil.
- Cur às do chunnartan dhan chait-fhiadhaich air a’ Ghàidhealtachd airson raointean a bharrachd a chruthachadh a bhios sàbhailte airson toirt air ais a’ chait-fhiadhaich.
- Obair a dhèanamh còmhla ri coimhearsnachdan ionadail airson tuigse fhaighinn air na dòighean as fheàrr air am faigh daoine buannachdan o chait-fhiadhaich mun cuairt orra.
Tha am pròiseact seo a’ toirt cruinn an t-eòlas is na sgilean aig buidhnean nàiseanta is eadar-nàiseanta.
Tha am briodadh glèidhteachais is leigeil mu sgaoil nan cat-fiadhaich ga dhèanamh le com-pàirteachas Sàbhaladh nan Cat-fiadhaich fo stiùir Comann Ainmh-eòlas Rìoghail na h-Alba (RZSS) ann an co-bhanntachd le NàdarAlba, Coilltearachd is Fearann Alba (FLS), Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh (CNPA), Norden’s Ark agus Junta de Andalucía.
Dìon a’ chait-fhiadhaich Albannaich
Leugh mun chat-fhiadhaich mar ghnè fo dhìon
Ionnsaich mu chait-fhiadhaich is ceadachasan
Leugh an stiùireadh againn do luchd-planaidh is luchd-leasachaidh mun chat-fhiadhaich
Leugh nòta 35d san stiùireadh aig an FCS (200) – Obair sa choille agus an cat-fiadhaich ann an Alba
Leugh a’ bhuan-chomhairle againn air glacadh a’ chait-fhiadhaich air mhearachd
Dèan aithris air mamal
Fiosrachadh air mar a leigeas tu fios gum faca tu mamal àraidh air làrach-lìn Comann nam Mamalan.
Barrachd fiosrachaidh
Leugh am brath-naidheachd às ùire againn 'First-ever Scottish wildcat release approved' 24 Màrt 2023
Iarrtas-cead 220947 aig NàdarAlba - Sgrìobhainn a’ Cho-dhùnaidh
Caibideil a’ Chait-fhiadhaich – Leabhar-iùil Frèam-obrach Iomairt nan Gnèithean
Contacts
If you already have a licence number, include it in the subject line of your email, or have it to hand when you call.
You should receive an automatic confirmation email from us if you send an email. If you do not receive this, please phone us on the number below: