Gleusan stiùiridh nam MPA agus PMF a thaobh iasgaich
Ar comhairle taice dhen cho-chomhairleachadh mu phlanaichean airson dìon beatha na mara ann an Alba a leasachadh.
Read in English / Leugh ann am Beurla
Air ùrachadh san Lùnastal 2025
Tha muir na h-Alba loma-làn de bheatha ann an iomadh dath agus le sluaghan de dh’eòin-mhara, mamalan-mara, agus iasg a tha cudromach gu h-eadar-nàiseanta. Ach tha brùthadh mac an duine air a’ mhuir againn a’ sìor-fhàs. Tha againn ris na dòighean air an dèan sinn feum dhen mhuir againn a stiùireadh a-chùm leas, tlachd is slàinte nan ginealaichean seo romhainn.
Thug Riaghaltas na h-Alba geall gun cùm e co-chomhairleachadh mu cheuman stiùireadh iasgaich ann an Raointean-Dìon Mara (MPAs) ri cladach far a bheil feum air ceuman is far nach eil iad an sàs fhathast, agus mu Phrìomh Fheartan Mara (PMFs) nach seas ri uidheaman iasgaich a bheanas ris a’ ghrunnd taobh a-muigh lìonra nam MPA. Tha Riaghaltas na h-Alba an dùil co-chomhairleachadh poblach a chumail aig deireadh 2025.
Tha NàdarAlba air mapa didseatach a leasachadh a chuidicheas ris na ceuman stiùiridh a th’ ann am beachd dha MPAs is PMFs fhaicinn. Tha e ri lorg an seo, le stiùireadh air mar a ghabhas a chleachdadh.
Tha Raointean-Dìon Mara nan dòigh èifeachdach is aithnichte aig ìre eadar-nàiseanta airson bith-àrainnean is fiadh-bheatha mara a dhìon. Chaidh cuid dhe na ceuman stiùiridh a thathar a’ moladh a dhealbhadh airson bith-àrainnean frionasach a dhìon a tha nan ionadan-àraich do ghnèithean coimeirsealta airson taic a chumail ri iasgach so-sheasmhach. Tha fianais o MPA o fheadh an t-saoghail a’ sealltainn gum bi barrachd neo-dhruim-altachan agus bith-thomad èisg ann an àitichean far a bheil casg air iasgach an coimeas ri raointean fo iasgach taobh a-muigh nam MPA, le fianais a’ sealltainn gu bheil àireamh nach beag dhiubh a’ taomadh a-mach chun nan àitichean ri taobh nam MPA. Tha fianais ann an Alba a tha a’ sealltainn gum bi deagh bhuaidh aig iasgach fo stiùireadh air gnèithean mar an sgeit, a’ chreachann agus a’ ghiomach, agus air bith-àrainnean grunnd na mara.
Dreuchd NàdarAlba
’S e an dreuchd againne comhairle a thoirt a chuidicheas le stiùireadh èifeachdach an iasgaich a rèir an fhiosrachaidh a th’ againn mu fhrionasachd nam feartan am broinn lìonra nam MPA agus raointean stiùiridh nam PMF a thathar a’ moladh. Bidh a’ chomhairle againn ann an sreath de sgrìobhainnean a chithear san liosta gu h-ìosal. Bidh sinn a’ cruthachadh ghoireasan feumail, bhidiothan, mapaichean is ceistean cumanta cuideachd a nì geàrr-chunntas air a’ chomhairle agus a mhìnicheas cuid dhi, agus cuiridh sinn an stuth seo ris na h-earrannan iomchaidh.
- Sgrìobhainnean Comhairle Glèidhteachais is Stiùiridh (CMA) airson Raointean-Dìon Mara – seo amasan glèidhteachais na làraich agus comhairle mu na gnìomhachdan a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air na feartan a tha fo dhìon. (Faic Comhairle nam MPA gu h-ìosal).
- Sgrìobhainnean Comhairle PMF – comhairle airson gach aon dhe na 11 PMF as fhrionasaiche do dh’uidheaman iasgaich a bheanas ri grunn na mara. (Faic comhairle nam PMF gu h-ìosal)
- Nòtaichean Stiùireadh Iasgaich – fianais mun eadar-ghabhail eadar uidheam iasgaich agus bith-àrainnean is gnèithean àraidh. (Faic na Nòtaichean Stiùireadh Iasgaich gu h-ìosal)
- Comhairle a bharrachd – comhairle eile airson cùisean a shoilleireachadh is a bheir seachad barrachd mion-fhiosrachaidh mu chuspairean eadar-dhealaichte mar an eadar-ghabhail eadar lìontan gun ghluasad is lìn-mhòra agus SPAs. (Faic a’ chomhairle a bharrachd gu h-ìosal)
Comhairle nam MPA
Chaidh a’ chuid as motha dhe na Raointean-Dìon Mara ann an Alba a stèidheachadh airson bith-àrainnean, gnèithean, feartan geòlasach no feartan/pròiseasan mòra àraidh a dhìon. Tha seo a’ ciallachadh gum bi cuid a ghnìomhachdan ann a bhios ceadaichte am broinn nam MPA fhathast fo phrionnsabal cleachdaidh sho-sheasmhaich mur am bris iad a-steach air amasan glèidhteachais nam feartan fo dhìon. Tha a’ mhòrchuid de ghnìomhachdan gan riaghladh le ceadachasan no pròiseasan aontachaidh a tha an sàs mar-thà, mar eisimpleir tuathanachas-uisge agus cumhachd ath-nuadhachail, no còdaichean deagh dhòighean-obrach. Tha seo a’ ciallachadh gum feum planaichean no pròiseactan a tha nam pàirt de na pròiseanan seo a bhith air am measadh feuch am biodh buaidh aca air MPA no PMF. Chan eil pròiseas mar seo aig iasgach agus an àite sin, thathar ga stiùireadh tro cheuman spàsail no tìmeil, prìomh chuspair a’ cho-chomhairleachaidh seo.
Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu na MPA ann an Alba ann an SiteLINK. Gheibhear fiosrachadh, làrach air làrach, san aon àite, a’ gabhail a-staigh crìochan nan làraichean agus liosta nam feartan a tha fo dhìon. ’S urrainn dhut na sgrìobhainnean taice a luchdadh a-nuas cuideachd, leithid an t-Òrdugh Ainmeachaidh aig làrach, sgrìobhainnean na comhairle againn mu ghlèidhteachas is stiùireadh agus òrdugh iasgaich sam bith a tha an sàs.
Comhairle nam PMF
Chaidh 81 prìomh fheart mara (PMF) ainmeachadh sa mhuir mun cuairt air Alba ann an 2014. ’S e liosta a th’ anns na priomh fheartan mara a sheallas bith-àrainnean is gnèithean aig a bheil prìomhachas ann an glèidhteachas ann am muir na h-Alba agus tha iad a’ gabhail a-staigh mòran dhen fhiadh-bheatha shuaicheanta ann an Alba. Cleachdar liosta nam PMF cuideachd mar stiùireadh a thaobh prìomhachasan glèidhteachais is co-dhùnaidhean ann am planadh-mara.
Ann an 2018 chuir ministearan na h-Alba air bhog co-comhairleachadh poblach air Improving protection given to Priority Marine Features outside the Marine Protected Area network, a dhèanamh cinnteach gum bi na PMF fo dhìon a rèir a’ Phlana-mhara Nàiseanta – a tha ag ràdh sa phoileasaidh choitcheann 9b “nach bu chòir do dhroch bhuaidh mhòr a bhith aig leasachadh is cleachdadh àrainneachd na mara air cor nàiseanta nam Prìomh Fheartan Mara”. Thug Riaghaltas na h-Alba agus NàdarAlba sùil is thagh iad an 11 PMF a th’ anns a’ chunnart as motha o uidheam iasgaich a bheanas ris a’ ghrunnd.
Tha sgrìobhainnean na comhairle againn mu na PMF ag innse càit a bheil iad, le fiosrachadh mun eag-eòlas aca, cor is frionasachd an 11 PMF a th’ anns a’ chunnart as motha o iasgach gluasadach a bheanas ris a’ ghrunn, agus leis na ceuman iasgaich a tha an sàs agus a thathar a’ moladh airson na PMF a dhìon agus na prìomh àitichean eile a mholamaid a dhìon. Leugh na sgrìobhainnean comhairle an seo.
This video explores the world’s largest known flame shell bed located within the Loch Carron Marine Protected Area on the west coast of Scotland. (C)Andy Jackson/SubseaTV
Fiosrachadh mu fhrionasachd nam feartan
Tha inneal frionasachd nam feartan (FEAST) na aplacaid-lìn a dh’innseas do luchd-cleachdaidh dè cho frionasach ’s a tha bith-àrainn no gnè do ghnìomhachd dhaonna. Tha dreach ùr air airson ’s gum bi e nas fheumaile agus nas fhasa ri chleachdadh do dhaoine agus thathar ag obair air ùrachadh nam measaidhean agus gleusan ùra. Aig a’ cheann thall, bidh measaidhean frionasachd do gach feart nam MPA, PMF no gnèithean a tha cudromach ann an glèidhteachas aige ach aig an ìre-sa, thathar ag obair air eòin-mhara, èisg agus bith-àrainnean Leas-phàipear I nan SAC.
Nòtaichean Stiùireadh Iasgaich
Tha geàrr-chunntasan sna Nòtaichean Stiùireadh Iasgaich againn air an fhianais mun eadar-ghabhail eadar uidheam iasgaich agus bith-àrainnean is gnèithean àraidh. Tha iad a’ sealltainn mar a chleachd sinn an fhianais frionasachd air FEAST is sinn a’ toirt seachad comhairle mu ghnìomhachd iasgaich. Nochdaidh Nòtaichean Stiùireadh Iasgaich air an duilleig seo fhathast.
Comhairle a Bharrachd
Thug sinn seachad comhairle a bharrachd do Bhuidheann-stiùiridh na Mara (Marine Directorate) a thaobh iomadh cuspair a mhìnicheas cò às a thàinig ar comhairle stiùiridh agus gan cuideachadh le bhith a’ leasachadh nan ceuman stiùiridh. Cùmaibh sùil air an duilleig seo is cuiridh sinn sgrìobhainnean comhairle rithe fhathast.
Ceistean Cumantan
Faigh freagairtean air na ceistean as cumanta a thèid fhaighneachd mu na MPA, na PMF, mun fhianais againn agus mu na ceuman stiùiridh a thathar a’ moladh dhan iasgach sa cho-chomhairleachadh seo.