£2.6m a bharrachd airson turasachd na Gàidhealtachd is nan Eilean

15 Màrt 2021

Chuir Rùnaire Caibineit na h-Eaconamaidh Dùthchail is Turasachd, Fergus Ewing, an cèill an-diugh gun tèid tabhartas Maoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa (ERDF) luach £2.6 mhillean a roinn eadar ceithir pròiseactan air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan airson seallaidhean, fiadh-bheatha is cultar air leth na Gàidhealtachd is nan Eilean a bhrosnachadh.

Chaidh am maoineachadh a bhuileachadh tron Mhaoin Chultarail is Dualchais Nàdarra, a th’ air a stiùireadh le NatureScot agus a bhios a’ maoineachadh phròiseactan air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a tha a’ leasachadh thursan luchd-tadhail is iad a’ taisbeanadh nàdar is cultar an àite agus a’ cumail taic ri obraichean ann an sgìrean iomallach is dùthchail. Tha am maoineachadh airson nan ceithir pròiseactan ùra sin a bharrachd air £5m de mhaoineachadh airson naoi pròiseactan a chaidh ainmeachadh san Dùbhlachd 2019.

Tha NatureScot air maoineachadh aontachadh do Archaeology Scotland airson am pròiseact aca a chur air chois airson lìonra dualchais is turasachd ann an Àird nam Murchan. Tha leasachadh bun-structar do luchd-tadhail san Eilean Sgitheanach, goireasan ùra do luchd-tadhail aig Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd agus slighe chearcallach eachdraidheil ann an Tèarmann Nàdair Nàiseanta Hermaness ann an Unst am measg phròiseactan eile a tha NatureScot an dùil maoineachadh.

Thuirt Rùnaire Caibineit na h-Eaconamaidh Dùthchail is Turasachd, Fergus Ewing: “Tha ar cuid dealais don nàdar shònraichte agus don chultar bheò againn air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan ri fhaicinn anns a’ mhaoineachadh seo de £2.6 mhillean bho Mhaoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa, a tha a’ leantainn a’ mhaoineachaidh de £5 millean a chaidh a thoirt seachad mu 18 mìosan air ais.

“Tha sinn a’ cur romhainn a bhith a’ neartachadh chothroman cosnaidh anns na coimhearsnachdan dùthchail againn agus a’ leasachadh nan tursan do mhuinntir an àite agus luchd-tadhail, a tha a’ cur meas air na h-àiteachan sin far a bheil nàdar is bòidhchead rim faicinn am pailteas.

“Tha na th’ ann de phròiseactan a’ daingneachadh nan goireasan eadar-mheasgte a chuireas ri cothroman obrach agus a bheir àireamhan luchd-tadhail am meud.”

Thuirt Àrd-oifigear NatureScot, Francesca Osowska:

"Tha nàdar is cultar ceangailte gu dlùth sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha iad aig teis-meadhan eaconamaidhean ionadail agus a’ cur ri gleidheadh àireamhan sluaigh dùthchail, obraichean is sgilean, gu sònraichte aig àm nuair a tha ath-bheothachadh uaine bhon lèir-sgaoileadh cho cudromach. Nì na ceithir pròiseactan air leth diofar mòr do choimhearsnachdan dùthchail fad iomadh bliadhna ri teachd is bidh barrachd ann a bheir tlachd do luchd-tadhail anns na sgìrean drùidhteach seo."

Thuirt Manaidsear Pròiseict Archaeology Scotland, Phil Richardson:

“Tha Archaeology Scotland ro thoilichte obair a chur air chois leis na com-pàirtichean againn ann an Àird nam Murchan. Leigidh am pròiseact leinn an sgeama Adopt-a-Monument a leasachadh, le taic Àrainneachd Eachdraidheil Alba, mar phrògram turasachd dualchais is com-pàirteachaidh nas iomlaine. Tha e fa-near dhuinn daoine a cheangal ri eachdraidh mhòr, bheairteach na sgìre, agus bidh buaidh mhòr aig an obair làraich, obair chladhaich, arc-eòlas dheuchainneach is dòighean mìneachaidh ùr-ghnàthach air tuigse, tlachd is cùram àrainneachd eachdraidheil an àite do luchd-tadhail, gnìomhachasan is muinntir Àird nam Murchan.”

Tha barrachd fiosrachaidh mu na ceithir pròiseactan a gheibh maoineachadh an seo:

Archaeology Scotland - The Real Wild West - Adopt-a-Monument agus Àird nam Murchan (£306,844) - Leasaichidh am pròiseact Real Wild West lìonra is ro-innleachd dualchais is turasachd, a bharrachd air mìneachadh air làraichean is àiteachan cudromach, thèid slighe a chruthachadh tro thaobh an iar Àird nam Murchan agus thèid ruigsinneachd, staid is glèidheadh 10 làraichean dualchais a leasachadh.

Outdoors Access Trust for Scotland, Làraichean Dualchais Nàdarra an Eilein Sgitheanaich (£748,954) - Thèid dòighean mìneachaidh, brosnachaidh is margaidheachd ùr san Eilean Sgitheanach a chur an sàs cho math ri leasachadh Làraichean Dualchais Nàdarra an Eilein Sgitheanaich, agus Bodach an Stòir is a’ Chuith-rang nam measg. Thèid am bun-structar a leasachadh an cois a’ phròiseict a leigeas le barrachd dhaoine de chomasan eadar-dhealaichte na làraichean a ruigsinn agus bheir an obair tursan an luchd-tadhail am feabhas.

NatureScot, Ceum Hermaness agus Àite Fàilteachaidh - (£54a1,718) - Cuiridh NatureScot 1940m de cheum-bùird plastaig ath-chuartaichte an sàs airson an t-slighe eachdraidheil ath-stèidheachadh dha stèisean-soidhne taigh-solais Muckle Flugga aig Tèarmann Nàdair Nàiseanta Hermaness ann an Unst ann an Sealtainn, far am bi slighe chearcallach mu thimcheall Tèarmann Nàdair Nàiseanta Hermaness, agus a ghlèidheas boglach cugallach agus eòin neadachaidh a tha tearc. Thèid àite-fasgaidh ùr-ghnàthach a chur ann aig toiseach an tèarmainn, far am bi àite mìneachaidh do luchd-tadhail agus an àireamh dhiubh a’ sìor dhol am meud.

The Royal Zoological Society of Scotland, Ionad Fiadh-bheatha na h-Alba - (£980,000) - Goireasan ùra do luchd-tadhail aig Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd faisg air Ceann na Creige airson beairteas is iomadachd fiadh-bheatha dhùthchasach a thaisbeanadh.

’S ann bho Mhaoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa a thig am maoineachadh airson na Maoin Dualchais Nàdarra is Cultarail, agus maoineachadh co-ionnan à tùsan eile, a leithid urrasan carthannais, thabhartasan bho na roinnean poblach is saor-thoileach, agus iomlan nan 13 pròiseactan gu lèir aig faisg air £25 millean.

Tha an tuilleadh fiosrachaidh air na tabhartasan a chaidh buileachadh sa chiad chuairt aig https://www.nature.scot/ps5m-award-highlands-islands-tourism

CEISTEAN BHO NA MEADHANAN
Cuir fios do sgioba mheadhanan NatureScot air 0131 316 2655 no [email protected].

FIOS DO LUCHD-DEASACHAIDH

Tha A’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail na pàirt den ath ìre de Mhaoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa aig Riaghaltas na h-Alba a bhios ann gu ruige 2023. Tha NatureScot a’ stiùireadh pàirt eile den phrògram - Maoin Bun-structar Uaine.

’S e Riaghaltas na h-Alba an t-Ùghdarras Stiùiridh air Prògram Maoin Structarail Eòrpach 2014-20. Tha an tuilleadh fiosrachaidh air na duilleagan-lìn againn no lean @scotgovESIF.

Tha a’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail a’ toirt a-steach ‘A’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan’ agus ’s e as ciall do seo airson an adhbhair seo ach sgìrean nan ùghdarrasan ionadail a leanas, A’ Ghàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar, Arcaibh, Sealtainn, Earra-Ghàidheal, Moireibh agus cuid de Shiorrachd Àir (Arainn). 

Tha NatureScot a’ stiùireadh lìbhrigeadh na maoin agus air bòrd comhairleachaidh a stèidheachadh airson am pròiseas a stiùireadh agus airson cur ri co-dhùnaidhean air na pròiseactan a gheibh maoineachadh. Tha riochdairean air a’ bhòrd bho VisitScotland, HIE, Àrainneachd Eachdraidheil Alba agus Bòrd na Gàidhlig. 

Tha maoineachadh Maoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa ga thoirt seachad gus taic a chumail ri ùr-ghnàthachadh, gnìomhachasan, sgilean agus obraichean is fastadh. Tha a’ mhaoin air a dìon tro bharrantasan a chuir Riaghaltasan na h-Alba is na Rìoghachd Aonaichte an cèill airson prògraman maoineachaidh an Aonaidh Eòrpaich a ghleidheadh, fiù ’s an dèidh don RA an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.

’S ann a thuilleadh air tabhartasan luach £4,946,892 a chaidh ainmeachadh airson naoi pròiseactan iomchaidh eile a tha am maoineachadh seo de £2.6m airson ceithir pròiseactan eile.

Tha am maoineachadh seo airson ceithir pròiseactan a bharrachd a’ toirt an tabhartais gu lèir airson nan 13 pròiseactan gu £8,837,643.00 gu h-iomlan cuide ri maoineachadh ionnan de £16m.

Contact