Ionmhas ionmholta de £22m a’ fàgail dìleab mhaireannach aig turasachd na Gàidhealtachd is nan Eilean

30 Cèitean 2023

Leugh ann am Beurla / Read in English

Thathar a’ comharrachadh soirbheas na Maoin Dualchais Nàdarra is Cultarail (NCHF) às dèidh dhi taic a chur ri 13 pròiseactan ùra cudromach a tha a’ taisbeanadh chruthan-tìre, fiadh-bheatha is cultar air leth na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Am measg nam pròiseactan tha dà ionad luchd-tadhail ùr ann an Dul Dreagain agus Coire Shalach, cuairtean digiteach de làraichean arc-eòlach cudromach air Slighe Choiseachd Innse Gall, obair ath-nuadhachaidh air dà thaigh-tasgaidh ann an Cille Mhàrtainn agus Srath Nabhair, agus leigeas iongantach de thalamh-feòir san Eilean Sgitheanach. Tha Spiorad na Gàidhealtachd is nan Eilean na phròiseact ùr-ghnàthach eile a fhuair taic bhon mhaoin. Tha seanchas ga chomharrachadh san obair mhòir fharsaing seo is 175 sgeulachd a’ tighinn beò tro làrach-lìn, fhilm is dhealbhan, chlàraidhean is dhà phortal bogaidh anns am bi filmichean à iomadh àite air a’ Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan ceithir timcheall oirbh.

’S e NàdarAlba a bha air cheann na maoine agus ’s ann bho Mhaoin Leasachaidh nan Roinnean Eòrpach (ERDF) a thàinig an taic-airgid. Thug i taic do phròiseactan a bhiodh a’ brosnachadh luchd-tadhail gus eòlas a chur air raon na b’ fharsainge de dhualchas nàdarra is cultarail sònraichte na Gàidhealtachd is nan Eilean. Bha a’ mhaoin cuideachd airson is gun tigeadh coimhearsnachdan am feabhas is na pròiseactan dhan tug i taic a’ cur ri glèidheadh dhreuchdan is sheirbheisean ionadail.

Thuirt Eileen Stiùbhart, Iar-Stiùiriche NàdarAlba is i a’ bruidhinn aig Taigh a’ Ghlinne Mhòir an-diugh airson soirbheas na maoine is nam pròiseactan a chomharrachadh: “Tha prògram na Maoin Dualchais Nàdarra is Cultarail air a bhith soirbheachail dha-rìribh. ’S e slighe iongantach a bh’ ann adhartas nan 13 pròiseactan seo a leantainn, a’ soillseachadh chèarnaidhean de dh’Alba air an dèanadh dearmad uaireannan, is iad a’ toirt bhuannachdan do choimhearsnachdan dùthchail. Bidh seallaidhean drùidhteach na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ tàladh dhaoine às gach ceàrnaidh den t-saoghal agus bidh na pròiseactan seo a’ toirt cothrom nas fheàrr buileach air eòlas a chur air nàdar, cultar is eachdraidh tarraingeach na sgìre.”

Chaidh na pròiseactan a chomharrachadh air a’ mhìos seo aig tachartas ann am prìomh oifis NàdarAlba aig Taigh a’ Ghlinne Mhòir ann an Inbhir air an 30 Cèitean, nuair a bha òraidean is taisbeanaidhean bho na 13 pròiseactan am measg na bha a’ dol. Cuide ri sin bhruidhinn Chris Mac an Tàilleir bho VisitAlba air dìleab na taic-airgid air turasachd na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus thug Brian Ó hEadhra bho Bhòrd na Gàidhlig taisbeanadh seachad air mar a tha a’ Ghàidhlig mar phàirt de na pròiseactan is tursan an luchd-tadhail.

Thuirt Chris Mac an Tàilleir, Stiùiriche Leasachadh Cinn-uidhe aig VisitAlba: “Tha maoineachadh ann am pròiseactan bun-structair leithid na feadhainn seo a’ cruthachadh dìleab mhaireannach de shàr thursan do luchd-tadhail air a’ Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan.” 

“’S e sàr shoirbheas a th’ ann taic-airgid a chur an seilbh ann an 13 pròiseactan – air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean – agus ’s e brosnachadh dha-rìribh a th’ ann dhan nàdar, na seallaidhean is a’ chultar air leth againn.

“Chuir VisitAlba fàilte air a’ chothrom a dhol an sàs ann am bòrd-stiùiridh a’ phròiseict, a tha air cuideachadh ri cruth a thoirt air leasachadh ùr de £22m ann an eaconamaidh an luchd-tadhail. Gheibh eaconamaidh an luchd-tadhail buannachdan nach beag mar thoradh air na pròiseactan seo – bidh deagh chothroman ann a thaobh cosnaidh, sèine-sholair, ghnìomhachasan ionadail, bìdh is còmhdhail.”

Thuirt Brian Ó hEadhra, Manaidsear Chom-pàirteachasan is Leasachaidh Bhòrd na Gàidhlig “Tha a’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Chultarail air cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil cànan is cultar na Gàidhlig air fighe a-steach do na pròiseactan seo, a tha na dhìleab air leth don Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Bho shoidhnichean Gàidhlig aig àrainn ath-fhiadhachaidh Dhul Dreagain gu Gàidhlig ann am Pròiseact Arc-eòlais Uibhist, tha an NCHF air cothroman cudromach a thabhainn gus beairteas cultar na Gàidhlig ann an Alba a chomharrachadh. Tha sinn pròiseil gum b’ urrainn dhuinn taic a chur do na pròiseactan ùr-ghnàthach is brosnachail seo a bhios nam buannachd do luchd-tadhail agus choimhearsnachdan thar nam bliadhnaichean ri thighinn.”

Thug prògram Maoin Leasachaidh nan Roinnean Eòrpach (ERDF) aig Riaghaltas na h-Alba £8.2m seachad ann am maoineachadh NCHF airson nan 13 pròiseactan, le maoineachadh co-ionnan à tùsan eile a’ toirt na suim gu lèir gu còrr air £22m.

Liosta de na pròiseactan gu lèir

Contact