Ainmean-àite Èirisgeigh gan comharrachadh

10 July, 2019

Tha 300 ainm-àite Èirisgeach a’ nochdadh ann an leabhran dà-chànanach ùr bho Dhualchas Nàdair na h-Alba (NatureScot).

Chaidh an leabhar-iùil ùr a chruthachadh ann an co-bhonn ri Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA), an com-pàirteachas comhairleachaidh nàiseanta airson ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba, agus Ceòlas, tè de na prìomh bhuidhnean airson cultar, dualchas is ealain na Gàidhlig, stèidhichte ann an Uibhist.

Tha a’ mhòrchuid de na h-ainmean-àite a chaidh a thrusadh a’ buntainn ris a’ chòrsa is na h-uisgeachan timcheall air an eilean, agus iad a’ sònrachadh sgeulachdan, cur-seachadan is beatha làitheil. Chan fhacas mòran de na h-ainmean ann an clò a-riamh roimhe.

Thuirt Robyn Ireland, Oifigear Gàidhlig aig NatureScot: “Tha sinn air ar dòigh a bhith a’ foillseachadh an t-seachdamh tiotal nar sreath A’ Ghàidhlig Air Aghaidh na Tìre. Tha an leabhran seo a’ comharrachadh an dlùth-cheangail eadar daoine is ar dualchas nàdarra tro chànan.”

Tha am pròiseact fada an comain a h-uile duine a thug seachad an cuid eòlais air Èirisgeigh gu saor-thoileach, agus thathar an dòchas gum piobraich an leabhran an tuilleadh chuimhneachan is sgeulachdan mu na h-àiteachan.

Thuirt Eilidh Sgaimeal bho AÀA: “Tha sinn fìor thoilichte gun robh sinn an sàs anns a' phròiseact seo, is sinn a’ cur ri gleidheadh nan ainmean seo do ghinealaichean ri teachd ann an Èirisgeigh. Tha gleidheadh ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba agus an ceangal eadar an cànan is an tìr riatanach an lùib obair AÀA.”

Thèid an leabhran a chur air bhog feasgar an-diugh (10 Iuchar 2019) mar phàirt de prògram thachartasan coimhearsnachd aig sgoil shamhraidh Cheòlas. Tòisichidh cuairt-iùil anns a’ Bhaile aig 3.30f agus coisichidh a’ bhuidheann gu Sgor na Bèiste, Cnoc na Mònadh is Rubha Chaoil. Tha fàilte chridheil ro dhuine sam bith tighinn air a’ chuairt, no coinneachadh ris a’ bhuidhinn bho 5f anns a’ Pholitician a dh’èisteachd ri òraid bheag no dhà mun leabhran.

Thuirt Liam Crouse, Oifigear Mheadhanan is Conaltraidh Gàidhlig aig Ceòlas: “’S e eilean Gàidhealach a th’ ann an Èirisgeigh, agus tha seo air na h-ainmean-àite a ghleidheadh gu h-ìre. Mura h-eil feum air ainm, agus e gun a chleachdadh, thèid e anns an dìochuimhne. Tha e follaiseach gu bheil buntanas aig na h-ainmean-àite ri muinntir an eilein fhathast.”

Faodar an leabhran a lùghdachadh a-nuas bho làrach-lìn NatureScot. Tha deannan lethbhreacan pàipeir rim faighinn an-asgaidh bho [email protected] no 01738 444177.