Graphic of a blackbird, ladybird and frog next to 'make space for nature' text in Gaelic

Ceithir dòighean deug air call nàdair a thilleadh as t-samhradh

Leugh ann am Beurla / Read in English

’S e cunnartan mòra na cruinne a th’ ann an atharrachadh na gnàth-shìde is call nàdair – ann an Alba tha sinn air cha mhòr 25% den fhiadh-bheatha againn a chall. Ach tha dòchas ann. Tha mòran againn a’ cur barrachd ùine seachad air a’ bhlàr a-muigh na bha sinn ro lèir-sgaoileadh a’ ghalair, agus tha còrr air an dàrna leth dhinn airson ceumannan deimhinneach a ghabhail ’s fiadh-bheatha na h-Alba a chuideachadh.

Chan ann a-mhàin gun cuidich nàdar sinne, faodaidh nàdar cuideachadh san strì an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde ’s e a’ cur ri Alba a tha nas fhallaine 's nas uaine. Lean na molaidhean gu h-ìosal ’s èist ris an t-sreath phodaidhean-chraolaidh airson tuilleadh dhòighean gus Àite A Dhèanamh Dha Nàdar.

Dragon fly on side of plant pot

1. Bi nàdarra

Ma tha clachan-ùrlair, feur fuadain no grinneal sa ghàrradh agad, smaoinich air poitean-fhlùrain no bogsaichean uinneig a chur ris airson beathaichean poileanachaidh a chuideachadh. 'S e àiteachan fasgaidh a bhios annta ann an àiteachan bailteil do bhiastagan eile cuideachd. Cuir an aghaidh tuiltean san sgìre ionadail le bhith a’ lùghdachadh na th’ ann de chlachan-ùrlair sa ghàrradh agad.

peacock butterfly on sunflower

2. Feur fada

Agus callaid dha dealanan-dè. Na buain am feur cho tric ’s fàsaidh flùraichean fiadhain ann, agus brosnaich an t-ùghdarras ionadail agad an aon rud a dhèanamh ann an àiteachan uaine freagarrach. Cruthaichidh iad trannsachan nàdarra do dh’fhiadh-bheatha a bhios a’ gluasad tro bhailtean. Mairidh iad cudromach fad ’s a dh’atharraicheas a’ ghnàth-shìde againn.

ladybird on a dandelion seeded head

3. Leig leis na luibhnich

Dh’fhaodadh gu bheil droch chliù aig luibhnich, ach tha mòran dhiubh, am beàrnan-Brìde nam measg, nam biadh do dh’iomadh seòrsa beathach poileanachaidh, leithid seilleanan, laomainn 's daolagan. Smaoinich orra mar flùraichean fiadhain a tha gu math treun – seach luibhnich! Cleachd glainne-mheudachaidh no tog mion-dealbh agus chì thu cho bòidheach ’s a tha iad.

Blooming lavender or lavandula on a balcony Adobe Stock for Make Space For Nature campaign

4. Càrn mòr de chlachan beaga

Nì tòrr lusan a’ chùis ann am poitean, basgaidean crochaidh no bogsa air oir uinneig. Bidh luibhean leithid lus-liath ’s lus an rìgh a’ còrdadh ri beathaichean poileanachaidh, agus tha iad soilleir dathach!

A vibrant yellowhammer sitting in the top of a hawthorn hedgerow Adobe Stock

5. Callaid seach feansa

Tha àrainnean fiadh-bheatha rin lorg am broinn challaidean nach fhaighear an cois feansa. Cuir craobhan ’s preasan blàthachaidh leithid calltainn, seileach ’s àirne – leigidh iad le fiadh-bheatha gluasad tro ghàrraidhean.

Bumblebee feeding on a garden plant ©Lorne Gill/SNH. For information on reproduction rights contact the Scottish Natural Heritage Image Library on Tel. 01738 444177 or www.nature.scot

6. Co-roinn ghearraidhean

Faodaidh lusan ’s sìl a bhith cosgail, ach gabhaidh mòran ghnèithean a chòrdas ri beathaichean poileanachaidh a roinn no fàsaidh lusan ùra bho ghearraidhean. Faodar an co-roinn ri caraidean.

Dor beetle on a pile of leaves

7. Gàirnealachd leisg

Leig leis an duilleach bàsachadh gu nàdarra - fàg geugan, duilleagan ’s spruilleach nàdarra eile mar fhasgadh do bhiastagan ’s fiadh-bheatha eile. Fàg na cinn-sìol - ithidh eòin iad 's fuirichidh meanbh-fhrìdean annta.

blue tit chick fledging from nest box

8. Cuidich eòin na sgìre

Cuir taigh-eun no biathadairean ris a’ ghàrradh agad. Tha biathadairean ceangailte ris an uinneig nan dòigh math air eòin na sgìre fhaicinn. Feumaidh iseanan pròtain airson fàs gu luath agus tha flùraichean a bhios tarraingeach do bhiastagan nan cuideachadh. Tha cnuimhean-mine ann am biathadairean nan deagh ghreim-bìdh do dh’iseanan acrach cuideachd!

Close up of worm in soil Adobe Stock for Make Space For Nature

9. Biadhaich an ùir

Tha an talamh-mòine againn a’ tasgadh 63% den charbon gu lèir a tha san ùir – cleachdadh bathar gàirnealachd anns nach eil mòine. Cleachd todhar ’s compost ionadail, no dèan do chuid fhèin. Seachnaich puinnsean bhiastagan – tha deagh roghainnean eile ann. Thoir sùil gheur 's coimhead air na biastagan beaga a tha ag ath-chuairteachadh ar sgudail ’s a’ cumail a’ chuairt-bheathachaidh a’ dol.    

volunteer picking up litter for cleaning at river park Adobe Stock for Make Space For Nature campaign

10. Tog sgudal

Nuair a bhios tu a’ dèanamh air a’ bhlàr a-muigh, thoir leat baga ’s miotagan agus, ma bhios e sàbhailte, tog sgudal a lorgas tu. Tha e cunnartan do dh’fhiadh-bheatha – bidh beathaichean gan glacadh ann no feuchaidh iad ri ithe. Cha ghabh a’ mhòrchuid den sgudal againn a bhith-chnàmhadh agus fuirichidh e nar n-àrainneachd nàdarra fad bhliadhnaichean mòra! Brosnaich do charaidean ’s càirdean a dhol an sàs ’s an sgìre ionadail a ghlanadh.

Common Frog. ©Lorne Gill/SNH. For information on reproduction rights contact the Scottish Natural Heritage Image Library on Tel. 01738 444177 or www.nature.scot

11. Thoir uisge seachad

Bidh lòn uisge a’ tarraing losgannan, sheilleanan, dhearcan-luachrach ’s eun cho math ri bhith a’ dèiligeadh gu seasmhach ri tuiltean. Chan fheum thu mòran a chosg air lòn. Dhèanadh seann mhias no bobhla uisge air oir uinneig a’ chùis. Cuir geugan no clachan ann mar àite air an laigh meanbh-fhrìdean os cionn an uisge.

Children With Pet Dog Looking In Rockpools On Winter Beach holiday Adobe Stock for Make Space For Nature campaign

12. Rannsaich fon uisge

Tha 41% de shluagh na h-Alba a’ fuireach 5km no nas lugha bhon chosta agus tha deagh theansa gu bheil slugan carraig math faisg ort. Gabh cuairt gu oir an uisge le nead ’s bucaid agus rannsaich na tha am falach bho na clachan. Cuimhnich air rud sam bith a lorgas tu a thilleadh dhan uisge.

Curious red squirrel peeking behind the tree trunk Adobe Stock for Make Space For Nature campaign

13. Saidheans nan saoranach

Thig an sàs san dòigh spòrsail seo ’s cuidich an fhiadh-bheatha as fheàrr leat. Clàraich eòin, losgannan, dealanan-dè ’s eile airson innse dhuinn càite a bheil (’s nach eil) fiadh-bheatha agus cuir ri rannsachadh air bith-iomadachd ’s atharrachadh na gnàth-shìde. Coimhead air an liosta phròiseactan againn.

Asian young volunteers carrying new trees in park together Adobe stock for Make Space For Nature campaign

14. Saor-thoileachas

Tha obair saor-thoileach na cothrom spòrsail diofar a dhèanamh do nàdar, coinneachadh ri caraidean ùra ’s ùine a chur seachad air a’ bhlàr a-muigh. Thoir sùil air na cothroman saor-thoileach againn no aig Volunteer Scotland. Bi air do bhrosnachadh le pròiseactan coimhearsnachd ann an àiteachan uaine no tòisich am pròiseact agad fhèin.