Fàilte sa Ghàidhlig ro shaor-thoilich

5 June 2019

Tha Iomairt Gnèithean Sgaoilteach na h-Alba a’ comharrachadh Seachdain nan Saor-thoileach is am pròiseact a’ sìneadh fàilte shònraichte do luchd-labhairt na Gàidhlig aig a bheil ùidh ann an greisean saor-thoileach còmhla ris an iomairt.

Tha am pròiseact, a tha mar-thà a’ ruith ghreisean saor-thoileach is tachartasan coimhearsnachd, toilichte gu bheil am fiosrachadh do shaor-thoilich ri fhaotainn sa Ghàidhlig a-nis. Thathar an dòchas gum bi luchd-labhairt na Gàidhlig air am brosnachadh gus pàirt a ghabhail sa phròiseact.

Thuirt Manaidsear Iomairt Gnèithean Sgaoilteach na h-Alba, Callum Sinclair: “Mar phròiseact bidh sinn a’ feuchainn ri deagh chothroman a thoirt don a h-uile saor-thoileach againn agus sinn a’ toirt taic dhaibh gus diofar a dhèanamh do nàdar na h-Alba. Tha sinn cuideachd airson roghainn a bhith aig daoine am fiosrachadh againn fhaotainn sa Ghàidhlig gus mothachadh cànain a dhùisgeadh, cothroman cleachdaidh a leudachadh agus ùidh nar n-obair a bhrosnachadh”.

“Tha dàimh shònraichte aig a’ chànan ri nàdar na h-Alba agus mar sin chan eil e ach ceart gun dèan sinn ar dìcheall cothroman cleachdaidh a leudachadh do luchd-labhairt na Gàidhlig.”

Thuirt Robyn Ireland, Oifigear Gàidhlig aig Dualchas Nàdair na h-Alba: “Tha an dlùth-cheangal eadar daoine is nàdar air a shoillseachadh nar dualchas cultarach agus tha sinn airson is gun neartaich sinn a’ Ghàidhlig. Tha sinn fìor thoilichte tòiseachadh air an cànan a chleachdadh anns a’ phròiseact àrd-amasach seo far nach robh i air a cleachdadh roimhe.”

Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd, “Tha e glè mhath an cothrom seo fhaicinn do shaor-thoilich aig a bheil a’ Ghàidhlig a dhol an sàs ann, is e a’ cur taic ri amas Plana Nàiseanta a’ Chànain gun tèid a’ Ghàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean. Tha e iomchaidh gu bheilear a’ cur na h-iomairt seo air bhog tro Sheachdain nan Saor-thoileach, a’ dearbhadh na pàirt cudromaich a th’ aig saor-thoilich ann a bhith a’ neartachadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Alba.”

A thuilleadh air an fhiosrachadh do shaor-thoilich, togaidh an Iomairt air a h-obair sa Ghàidhlig le bhith a’ cleachdadh a’ chànain ann am brathan-naidheachd is air na meadhanan sòisealta agus tha i a’ dol a leasachadh stuthan foghlaim is bùthan-obrach do sgoiltean Gàidhlig.

Tha aire Iomairt Gnèithean Sgaoilteach na h-Alba air obrachadh còmhla ri coimhearsnachdan is saor-thoilich airson smachd a chumail air gnèithean lusan neo-dhùthchasach ionnsaigheach is mionc Aimeireaganach. ’S urrainn do ghnèithean neo-dhùthchasach ionnsaigheach buaidh dhìreach a thoirt air fiadh-bheatha is àrainnean dùthchasach.

Tha grunn tachartasan a’ dol do shaor-thoilich rè Seachdain nan Saor-thoileach ’s cothrom aig daoine a dhol an sàs ann an gnèithean sgaoilteach a spìonadh. Tha fiosrachadh air làrach-lìn a’ phròiseict. Tha obair glèidhteachais saor-thoileach na dòigh mhath air ùine a chur seachad air a’ bhlàr a-muigh, coinneachadh ri daoine ùra, eacarsaich a ghabhail agus spòrs a bhith agaibh fhad ’s a tha sibh a’ toirt piseach air an àrainneachd mun cuairt ort. Tha fàilte ro shaor-thoilich ùra aig na tachartasan, leithid a bhith a’ spìonadh bailm-Innseanach, no faodar fios a chur dhan sgioba aig àm sam bith ma thathar airson pàirt a ghabhail sa phròiseact.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh air Iomairt Gnèithean Sgaoilteach na h-Alba, greisean saor-thoileach leis a’ phròiseact agus tachartasan a tha a’ dol rè Seachdain nan Saor-thoileach, tadhailibh air www.invasivespecies.scot , leanaibh air na meadhanan sòisealta sinn no cuiribh fios chun an sgioba air [email protected]

Contact

Scottish Invasive Species Initiative

[email protected]