Brath sa Bhuideal
Tha Brath sa Bhuideal na phìos ciùil ùr a dhealbhaich an neach-ciùil cliùiteach Ingrid NicEanruig airson Bliadhna nan Cladaichean is nan Uisgeachan. Tha slighean iongantach fiadh-bheatha is eòin na mara gan cur ris a’ phìos, cuide ris an eisimeileachd againn air a’ mhuir agus mar a tha cànanan is cultaran a’ measgachadh air a’ chosta againn, fhad ’s a tha buaidh atharrachadh na gnàth-shìde air cuantan an t-saoghail ga taisbeanadh. Tha an taisbenadh lèir-chlaisneach, anns a bheil ceòl, òrain, Gàidhlig, film is dealbhan-beò, a’ measgachadh ceòl Ingrid le eòlas is rannsachadh beairteach NatureScot, a’ comharrachadh àrainneachd mara shònraichte na h-Alba.
Chaidh an coimisean a shealltainn airson a’ chiad uair aig Celtic Connections 2020 agus, ged a chuir Covid-19 car sna planaichean airson cuairt-ciùil samhraidh, thàinig Ingrid còmhla ri Stiùiriche Eag-shiostaman Mara aig NatureScot san Iuchar 2020 airson òraid air loidhne a’ bruidhinn mun bhrosnachadh air cùl na h-obrach.
Tha Brath sa Bhuideal ri fhaighinn air clàr a-nis agus tha cuairt-ciùil an Alba ga ullachadh airson 2022. Foillsichidh sinn an còrr fiosrachaidh nuair a bhios cinn-latha nan consairtean ann.