Aithisg dearcnachaidh 2022 - 2023 NàdarAlba air Plana Gàidhlig na buidhne
Read in English / Leugh ann am Beurla
Ro-ràdh
Chuireadh an aithisg sgrùdaidh seo a-steach do Bhòrd na Gàidhlig air 19 Dùbhlachd 2023 agus tha i ag aithris fiosrachadh air adhartas NàdarAlba a thaobh cur an gnìomh Plana Gàidhlig na buidhne eadar 24 Ògmhios 2022 is 23 Ògmhios 2023.
Prìomh dhàta measaidh
Cia mheud brath sgrìobhte a fhuair am buidheann bhon phoball ann an Gàidhlig am-bliadhna?
2 iarrtas
Cia mheud pìos a sgaoil am buidheann air na meadhanan sòisealta ann an Gàidhlig am-bliadhna?
65 puist air Twitter, agus an aon susbaint air Facebook
Cia mheud fios-naidheachd a chaidh a sgaoileadh leis a’ bhuidheann anns a’ Ghàidhlig am-bliadhna?
7 (agus aonan eile às leth Urras Glèidhteachas nan Seilleanan Mòra dha pròiseact Gnèithean air an Oir)
- 16/08/22: Plana Gàidhlig ùr
- 14/10/22: Tachartas Caithream na Cruinne
- 21/12/22: Grian-stad a’ Gheamhraidh
- 17/05/23: Cur-air-bhog Gnèithean air an Oir sna h-Eileanan an Iar
- 30/05/23: Dìleab aig turasachd na Gàidhealtachd
- 03/06/23: Cur-air-bhog nàiseanta Gnèithean air an Oir
- 22/06/23: Steàrnanan imrich (Gnèithean air an Oir
Cia meud neach-obrach a fhuair cothrom trèanaidh ann an sgilean Gàidhlig am-bliadhna?
Cha do ruith sinn trèanadh san ùine seo.
Cia mheud dreuchd a th’ agaibh an-dràsta far a bheil Gàidhlig ann mar sgil riatanach?
1 dreuchd (0.6 co-ionann ri làn-ùine) – Oifigear Gàidhlig
Cia mheud neach-obrach a th’ agaibh an-dràsta aig a bheil sgilean Gàidhlig?
Suirbhidh an luchd-obrach sa Chèitean 2023: 43 luchd-obrach aig a bheil sgilean Gàidhlig. A thaobh tuigse:
- 81% ìre bhunaiteach
- 11% eadar-mheadhanach
- 3% adhartach
- 5% fileantaich
Cia mheud foillseachadh a dh'fhoillsich am buidheann gu dà-chànanach am-bliadhna?
- Dùbhlachd 2022: Mìosachan 2023 Peatland ACTION
- Giblean 2023: Aithisg Bhliadhnail 2022/23
- Giblean 2023: Ro-ràdh dà-chànanach ann an Aithisg na Co-ionnanachd
- Ògmhios 2023: Ùrachadh a’ Phlana Chorporra
Cia mheud soidhne dà-chànanach a chuir am buidheann an àirde am-bliadhna?
Soidhnichean sealach ann an oifisean: 9
Soidhnichean suidhichte ann an oifisean: 0 (Cha bhi sinn a’ cur soidhnichean suidhichte an àirde ach fìor corra uair. Leis nach deach faighneachd dhan Oifigear Ghàidhlig airson eadar-theangachaidhean sam bith eile airson soidhnichean ùra rè ùine na h-aithisg seo, tha sinn a’ gabhail ris nach deach gin eile an àirde. Tha fiosrachadh mu shoidhnichean tèarmainn nàdair ann am freagairt fa leth gu h-ìosal.)
Cleachdadh na Gàidhlig
Ciamar a tha a’ bhuidhinn a’ toirt fàs air cleachdadh na Gàidhlig?
Iomairt Dèan Àite Dha Nàdar
Mar phàirt den iomairt leantainnich againn air a bheil ‘Dèan Àite Dha Nàdar’, tha na molaidhean ràitheil againn dà-chànanach – earrach, samhradh, foghar, geamhradh.
Còd Slighean Dùthchail na h-Alba
Anns a’ Ghiblean 2023 dh’fhoillsich sinn trì postairean Gàidhlig
Tha an duilleag-lìn againn bhon t-samhradh 2023 air gun a bhith a’ cur dragh air fiadh-bheatha dà-chànanach.
Com-pàirteachas Gnèithean air an Oir
’S e prògram com-pàirteachais ùr a th’ ann an Gnèithean air an Oir le NàdarAlba aig an stiùir is seachd carthannasan glèidhteachas nàdair. Tha iad uile a’ cur romhpa 37 prìomh ghnèithean air costa is eileanan na h-Alba a thoirt am feabhas. Tha suaicheantas a’ phròiseict dà-chànanach agus tha sinn air a bhith a’ sgaoileadh bhrathan-naidheachd is susbaint air na meadhanan sòisealta gu dà-chànanach, cuide ri agallamh do BhBC Alba sa Ghiblean 2023 mu bhùth-obrach ann an Uibhist.
Tèarmainn Nàdair Nàiseanta – bileagan
Rè ùine na h-aithisg seo, tha sinn air na bileagan tèarmainn seo ùrachadh is a chlò-bhualadh agus tha iad rim faotainn gu dà-chànanach fhathast:
- Tèarmann Thainnis
- Slighean Thainnis
- Beinn Eighe
- Creag Mèagaidh
Tha bileagan dà-chànanach nan tèarmann eile uile gun atharrachadh.
Tèarmainn Nàdair Nàiseanta – eadar-mhìneachadh
Tha sinn air panailean eadar-mhìneachaidh a shuidheachadh aig na tèarmainn a leanas:
- Gearran 2023 – tiotalan dà-chànanach aig Coille a’ Ghlasdroma agus earrannan mu dhualchas nan Gàidheal (m.e. rann mu chraobhan ““seileach nan alt, caltainn nan creag...”), ainm a’ chlaba-dubh is dealanan-dè, agus seanchas co-cheangailte ri preasarlach.
- Màrt 2023 – panailean Creag a’ Chnocain dà-chànanach air fad.
Peatland ACTION – eadar-mhìneachadh
Anns a’ Mhàrt 2023 chruthaich sinn trì sreathan de panailean eadar-mhìneachaidh dà-chànanach a ghabhas cleachdadh aig diofar thachartasan, leithid An Fhèill Àiteachais Rìoghail 2023. Tha còig panailean anns gach sreath – ‘ciamar a nithear ath-shlànachadh air mòinteach?’; ‘an taic a bheir Peatland ACTION seachad’; agus ‘mòinteach – ulaidh fhalaichte na h-Alba’. A’ chiad phanail san gach sreath ri fhaicinn gu h-ìosal.
Chruthaich sinn ceisteachan ‘An e sàbhalaiche mòintich a th’ ann?’ cuideachd.
Stàile aig Fèill Sgàin
Tiotalan dà-chànanach air panailean stiùireadh fiadh-bheatha anns an Iuchar 2022 (chan eil air na panailean ach tiotalan is dealbhan).
Blogaichean
Dh’fhoillsich sinn 15 blogaichean dà-chànanach air cànan is cultar nan Gàidheal air bloga Scotland’s Nature, agus 6 blogaichean dà-chànanach co-cheangailte ri pròiseactan NCHF agus 1 bloga air pròiseact bun-structar uaine.
Maoin an Dualchais Nàdarra is Chultaraich
Chùm sinn tachartas aig a’ phrìomh oifis againn ann an Inbhir Nis, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, air an 30mh Cèitean 2023 airson soirbheas na Maoine a chomharrachadh. Chleachdadh a’ Ghàidhlig ann an iomadh dòigh:
- Cuireadh dà-chànanach
- Cuireadh gu luchd-uidhe na Gàidhlig
- Taisbeanadh bho Bhrian Ó hEadhra (BnG)
- Bratach Gàidhlig
- 14 panailean taisbeanaidh dà-chànanach (1 aig gach pròiseact). Eisimpleir gu h-ìosal.
Agallamh le Oifigear Gàidhlig NàdarAlba mar phàirt de phod-chraoladh ‘Dèan Àite Dha Nàdar’ mun mhaoin a chlàraicheadh aig an tachartas.
Agallamhan le BBC RnG is An Là
9 agallamhan sa Ghàidhlig air an clàradh leis an Oifigear Ghàidhlig againn rè na h-ùine seo.
Lìonraidhean ioma-buidhne
Lean sinn oirnn a’ gabhail pàirt gu gnìomhach ann an Lìonra nan Oifigearan Gàidhlig agus buidheann Adhartas Nas Luaithe aig Riaghaltas na h-Alba.
Prìomh phost-gutha na buidhne
Mar phàirt den àrd-shiostam fònadaireachd ùr againn, bhon t-Samhain 2022 tha na teachdaireachdan post-gutha againn air a bhith dà-chànanach (agus bidh sinn ga atharrachadh airson nan saor-làithean poblach is m.s.a.a).
Ionnsachadh na Gàidhlig
Ciamar a tha a’ bhuidhinn a’ toirt fàs air ionnsachadh na Gàidhlig?
Caithream na Cruinne
Thòisich am pròiseact com-pàirteachais seo còmhla ri Fèis Rois aig deireadh 2020 mar cho-fharpais sgrìobhadh òran. Sgrìobh seachd sgoilearan òrain ùra Ghàidhlig co-cheangailte ri nàdar is cruthan-tìre na h-Alba, fo stiùir Màiri Anna NicUalraig is Eòghainn MhicEanraig.
Mar phàirt de dh’iomall a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt san Dàmhair 2022 chuir NàdarAlba air dòigh cuirm-ciùil feasgair a thug cothrom dhan òigridh an ceòl ùr aca a chluich air àrd-ùrlar airson a’ chiad uair. Bha a’ chuirm na thachartas cur-air-bhog airson leabhar-òran digiteach a’ phròiseict cuideachd. Tuilleadh fiosrachaidh sa bhrath-naidheachd seo bhon Dàmhair 2022.
Teanga na Tìre
’S e pròiseact com-pàirteachais leantainneach a tha seo le HES, is taic-airgid a’ Bhùird, airson rannsachadh a dhèanamh aig an ìre dham bi ainmean-àite Gàidhlig a’ cur ris an tuigse againn air dualchas nàdarra is cultarach sgìre. Tha am pròiseact againn a’ cuimseachadh air buaidh atharrachadh na gnàth-shìde, bith-iomadachd, cleachdadh an fhearainn, buain stòrasan nàdarra agus gnìomhachasan airson dàimh choimhearsnachdan ris an sgìre aca san latha a th’ ann.
Rè ùine na h-aithisg seo, rinn luchd-rannsachaidh sgrùdadh air ainmean-àite ann an Ros an Iar, Gleann Moireasdan, Luing is Fìobha.
Tha an tuilleadh fiosrachaidh, cho math ri planaichean air tachartasan coimhearsnachd (taobh a-muigh ùine na h-aithisg seo) ann an aithisg a chuir sinn a-steach gu BnG san Dàmhair 2023.
Beò-dhealbhan ‘Nar Nàdar’
Chruthaich sinn sreath de sheachd bhidiothan goirid a’ toirt sùil air eadar-theangachaidhean facal air an fhacal bhon Ghàidhlig airson lusan is dh’fhlùraichean samhraidh (m.e. lus nam bàn-sìth, bròg na cuthaige, ròs an t-solais).
Tha deilbheadh is clàradh fuaime sònraichte an cois gach bhidio, agus sgaoil sinn iad air na meadhanan sòisealta againn is taobh a-staigh na buidhne air Yammer.
Co-labhairt an t-Saoghail air Eòlas-ùire
San Iuchar 2022 thug sinn liosta briathrachais air eileamaidean ainmean-àite Gàidhlig do riochdairean Co-labhairt an t-Saoghail air Eòlas-ùire.
Stuthan
Postairean is leabhranan Gàidhlig gu Fèisean nan Gàidheal airson sgaoileadh aig tachartasan, agus lean sinn oirnn ann an com-pàirteachas ri AÀA a’ sgaoileadh leabhraichean ainmean-àite.
A’ cur air adhart na Gàidhlig
Ciamar a tha a’ bhuidheann a’ cur deagh iomhaigh air adhart airson na Gàidhlig?
Coilltean Caillte
A’ togail air moladh bhon sgrùdadh againn ann an 2021 air seirbheisean eag-shiostaim is a’ Ghàidhlig, ’s e pròiseact com-pàirteachais leantainneach a tha seo le FLS is AÀA, agus maoineachadh bho Oilthigh Dhùn Èideann is Future Woodland Scotland.
Às dèidh dha NàdarAlba sgrùdadh iomchaidheachd a chur air dòigh as t-samhradh 2022, chuir am pròiseact seo roimhe
- ainmean-àite Gàidhlig a chnuasachadh ann an àiteachan anns nach eil craobhan tuilleadh ach far am faodadh na h-ainmean fhèin iomradh a thoirt air coille no doire a bha ann roimhe
- seata dàta a chruthachadh a ghabhas cleachdadh cuide ri dàta eile air cleachdadh na talmhainn airson àiteachan a chomharrachadh a dh’fhaodadh a bhith freagarrach airson coilltean ‘ùra’ a chur.
Dh’fhaodadh dhan dàta seo a bhith na chuideachadh a’ comharrachadh àiteachan a bha freagarrach gu h-eachdraidheil, gu cultarach is aig aon uair gu eag-eòlach airson craobhan a chur no ath-ghintinn – air math glacadh carboin, bith-iomadachd is leasachaidhean seirbheisean eag-shiostaim. Chuidicheadh an dàta daoine a bhios a’ dèanamh cho-dhùnaidhean air poileasaidhean is manaidsearan fearainn is iad a’ toirt prìomhachas do dh’àiteachan freagarrach do choilltean ùra.
Anns a’ Chèitean 2023 chùm sinn bùth-obrach còmhla ri eòlaichean bho NàdarAlba, FLS, Craobhan gu Deò, Urras na Coille is BnG a bhruidhinn air briathrachas eag-eòlach a bhiodh freagarrach airson an rannsachaidh.
Cùmaidh am pròiseact seo air chun a’ Chèitein 2024.
Lìonraidhean Nàdair ‘Falaichte’
Mar phàirt de na geallaidhean againn do Lìonraidhean Nàdair, sa Mhàrt 2023 dh’iarr sinn air AÀA sgrùdadh-cùise a dhèanamh air an ìre dham biodh fiosrachadh air ainmean-àite Gàidhlig a’ cuideachadh ri àiteachan a dh’fhaodadh a bhith beartach a thaobh nàdair a lorg ann an suidheachadh bailteil.
Thaghadh Dùn Èideann airson an sgrùdaidh leis gu bheil deagh rannsachadh ann mar-thà air ainmean-àite a’ bhaile agus gun deach Lìonra Nàdair Dhùn Èideann a mhapadh cheudna airson cothromanan a chomharrachadh do dh’fhusglaidhean nàdarra is leasachaidhean àrainneachdail.
Thèid an sgrùdadh-cùise fhoillseachadh ann an leabhar-iùil a bheir taic dhan fheadhainn a bhios a’ cur an sàs lìonraidhean nàdair ionadail.
Bho Bheul an Eòin
Lean sinn oirnn a’ brosnachadh a’ cho-obrachaidh shònraichte seo le taisbeanaidhean poblach ann an:
- Grinnebhat bho 7 Cèitean – 2 Iuchar 2022
- Leabharlann is Gailearaidh Dhùn Phàrlain bho 14 Iuchar – 13 Dàmhair 2022
- Fèis Ealain Baile na h-Uaimh bho 4 – 12 Lùnastal 2022
- Leabharlann Bàrdachd na h-Alba ann an Dùn Èideann bho 15 Dàmhair gu deireadh na Dùbhlachd 2022.
Cho math ris na taisbeanaidhean seo, rinn neach-ealain a’ phròiseict, Ruairidh MacDhonnchaidh, òraid ann an Grinnebhat air 2 Iuchar mar phàirt de dh’Fhèis Fiadh-bheatha Innse Gall agus ann an Dùn Phàrlain air 16 Iuchar. Air 8 Dùbhlachd, choinnich ceannardan NàdarAlba is BnG airson turas còmhla ri chèile dhan taisbeanadh aig an Leabharlann Bhàrdachd.
Chaidh aithisg shlàn a’ phròiseict a chur gu BnG 3 Lùnastal 2022.
Cèilidh air Cuairt le Fèis Rois
Mhaoinich sinn sia cuirmean-ciùil leis a’ Chèilidh air Cuairt aig Fèis Rois aig Tèarmainn Nàdair Nàiseanta Loch Fleòid, Chreag a’ Chnocain, Fors an Àirde, Carnas Mòr Fleet, Beinn Eighe is Eas Chluaidh tron t-samhradh 2022. Chleachd an luchd-ciùil Gàidhlig mar phàirt den t-seata aca agus bha na cuirmean nan cothrom airson na ceanglaichean eadar ar dualchas nàdarra is cultarach a thaisbeanadh.
Seachdain na Gàidhlig 2023
12 puist air na meadhanan sòisealta a’ comharrachadh nan dlùth-cheanglaichean eadar an cànan is nàdar. Cuideachd ’s ann mun Ghàidhlig a bha bloga seachdaineach a’ Cheannaird againn agus dh’fhoillsich sinn trì blogaichean taobh a-muigh na buidhne cuideachd.
Conaltradh taobh a-staigh na buidhne - Yammer
Mar bhuidhinn, thòisich sinn a’ cleachdadh Yammer san t-Sultain 2022 agus tha coimhearsnachd Ghàidhlig air a bhith againn ann bhon uair sin. Sgaoil sinn 39 puist, agus air 19 Ògmhios 2023 bha 38 buill againn sa choimhearsnachd (ach gabhaidh na puist a leughadh leis a h-uile neach-obrach). Bidh sinn a’ cur na coimhearsnachd gu feum airson measgachadh de shusbaint a cho-roinn, eadar blogaichean is fios às ùr bho phròiseactan gu goireasan ionnsachaidh is aithrisean naidheachd.
Ro-innleachd Turasachd na Gàidhlig
Tha sinn fhathast an sàs anns a’ bhuidheann ro-innleachdaich.
Fiosrachadh dearcnachaidh eile
An do chomharraich an t-ùghdarras poblach agaibh cùisean sònraichte sam bith co-cheangailte ri co-ionannachd chothroman a thaobh leasachadh na Gàidhlig?
Chan eil fianais againn de chùisean sònraichte sam bith den leithid.
A bheil poileasaidhean, modhan-obrach no dòighean-obrach sam bith co-cheangailte ri co- ionannachd a chaidh a chur an gnìomh leis an ùghdarras phoblach agaibh, no a tha gan cur an gnìomh an-dràsta, a bhuineas ri bhith a’ cur co-ionannachd chothroman air adhart an lùib leasachadh na Gàidhlig? An inns sibh dhuinn mun deidhinn?
Bidh na leanas a’ dol air gach sanas-obrach againn: ‘Although Gaelic Language is not a pre-requisite for this post, as part of our commitment to our Gaelic Language Plan, Gaelic Language is a desirable skill for all posts within NatureScot’.
Àrd Phrionnsabalan
Spèis Cho-ionann: A h-uile gealladh anns a’ phlana Ghàidhlig air a lìbhrigeadh dhan aon ìre anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla.
Bidh sinn a’ sealltainn co-ionannachd spèis dhan dà chànan nuair a bhios sinn a’ lìbhrigeadh geallaidhean a’ Phlana.
Cothroman Follaiseach: Gnìomhan practaigeach gus dèanamh cinnteach gu bheil fios aig luchd-obrach na buidhne agus am poball daonnan air na cothroman a th’ ann gus Gàidhlig a chleachdadh leis an ùghdarras phoblach.
Làrach-lìn – tha ceangal dhan duilleig-lìn Ghàidhlig againn air ar duilleag-dhachaigh (fo ‘quick links’) agus nochdaidh e air gach duilleag eile air an tadhail luchd-cleachdaidh. Cuideachd tha fiosrachadh air duilleagan cuir fios is cùram luchd-cleachdaidh.
Meadhanan sòisealta –iomradh gu h-àrd air na puist chunbhalach a bhios sinn a’ sgaoileadh air na meadhanan seo.
Conaltradh taobh a-staigh na buidhne – bidh sinn a’ cleachdadh ar eadra-lìn is Yammar airson cothroman a shanasachadh.
Treas Phàrtaidhean: A’ dearbhadh gum bi buidheann leth-eisimileach agus cunnradairean eile ag obair gus Plana Gàidhlig an ùghdarrais phoblaich a chur an gnìomh.
Tha seo a’ tachairt gu ìre le cunndradair stiùireadh ghoireasan ann an Taigh a’ Ghlinne Mhòir (Inbhir Nis), ach tha sinn ag aithneachadh gun gabhadh tuilleadh a dhèanamh gus seo a neartachadh leis na cunnradairean uile againn.
Gàidhlig na nì àbhaisteach: Geallaidhean bhon phlana Ghàidhlig air an gabhail a- steach ann an structaran an ùghdarrais phoblaich tro thìde, le sgrùdadh cunbhalach airson cothroman a chomharrachadh taobh a-staigh bhuidseatan stèidhichte gus Gàidhlig a thoirt air adhart.
Tha geallaidhean a’ Phlana Ghàidhlig againn nan nìthean àbhaisteach air feadh na buidhne. Tha buidseat aig NàdarAlba airson a’ Phlana is nam pròiseactan co-cheangailte ris.
Inbhe
Suaicheantas: ag amas air suaicheantas corporra anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla a chruthachadh nuair a thig a’ chiad chothrom agus mar phàirt den phròiseas ùrachaidh. Bu chòir an aon ìre follaiseachd a bhith ann airson an dà chànain san t-suaicheantas.
Tha suaicheantas dà-chànanach aig NàdarAlba.
Soidhnichean: prìomh shoidhnichean air an dèanamh dà-chànanach nuair a thathar gan ùrachadh.
’S ann ainneamh a bhios sinn ag ùrachadh shoidhnichean, ach tha rùn againn ri Gàidhlig a chleachdadh orra.
Conaltradh
Adhartachadh: a’ toirt teachdaireachd bhrosnachail seachad gum bithear daonnan a’ cur fàilte air conaltradh a nì am mòr-shluagh ris an ùghdarras ann an Gàidhlig.
Tha teachdaireachd a’ nochdadh air ar làraich-lìn, air an duilleig ‘cuir fios thugainn’ a ràdh gu bheil sinn a’ cur fàilte air conaltradh sa Ghàidhlig.
Conaltradh sgrìobhte: bithear daonnan a’ gabhail ri conaltradh sgrìobhte ann an Gàidhlig (litrichean, puist-d agus na meadhanan sòisealta) agus thèid freagairtean Gàidhlig a thoirt seachad a rèir a’ phoileasaidh choitchinn.
Tha seo ceart. Tha an dàta gu h-àrd air na conaltraidhean sgrìobhte a fhuair sinn bhon phoball rè ùine na h-aithisg seo, agus tha teachdaireachd air ar làraich-lìn agus duilleag cùram luchd-cleachdaidh.
Ionad-fàilte agus am fòn: nuair as urrainn do luchd-obrach le Gàidhlig an t-seirbheis seo a thoirt seachad, gheibh iad taic airson sin a dhèanamh, agus thèid sanasachd a dhèanamh air an t-seirbheis am measg a’ mhòr-shluaigh.
Aig an àm seo chan eil Gàidhlig aig luchd-obrach ar n-ionadan-fàilte. Tha Gàidhlig ga h-aithneachadh mar ‘sgil mhiannaichte’ anns a h-uile sanas-obrach againn.
Coinneamhan: thèid coimhead gu cunbhalach air na cothroman a th’ ann gus coinneamhan poblach a chumail gu dà-chànanach no ann an Gàidhlig, agus thèid sanasachd a dhèanamh orra.
Cha do chùm sinn coinneamhan poblach dà-chànanach rè ùine na h-aithisg seo.
Fiosrachadh
Fiosan-naidheachd: prìomh fhiosan-naidheachd agus fiosan-naidheachd mu dheidhinn na Gàidhlig air an cuairteachadh sa Ghàidhlig agus sa Beurla.
Bha trì brathan-naidheachd againn mu dheidhinn na Gàidhlig (foillseachadh a’ Phlana, Caithream na Cruinne, is grian-stad a’ gheamhraidh) agus bha iad seo againn gu dà-chànanach. Dh’fhoillsich sinn dreach Gàidhlig de chòig brathan-naidheachd eile cuideachd (liosta gu h-àrd).
Na meadhanan sòisealta: thèid susbaint Ghàidhlig a sgaoileadh gu cunbhalach sna meadhanan sòisealta, agus sin a rèir an uiread luchd-cleachdaidh Gàidhlig a th’ ann agus a dh’fhaodadh a bhith ann.
65 puist air Twitter, agus an aon susbaint ga sgaoileadh air Facebook.
An làrach-lìn: bu chòir susbaint Ghàidhlig a bhith ri faotainn air làrach-lìn an ùghdarrais phoblaich, agus prìomhachas ga thoirt do na duilleagan a dh’fhaodadh an àireamh as motha de dhaoine a tharraing.
16 duilleagan-lìn dà-chànanach.
Foillsichidhean corporra: thèid an ullachadh ann an Gàidhlig is Beurla, agus prìomhachas ga thoirt don fheadhainn a dh’fhaodadh an àireamh as motha de dhaoine a leughadh.
4 (agus bileagan nan tèarmann nàdair nàiseanta a dh’ùraich sinn rè na h-ùine seo)
- Mìosachan 2023 Peatland ACTION
- Aithisg bhliadhnail 2021/22
- Plana Corporra air ùrachadh
- Ro-ràdh dà-chànanach ann an Aithisg na Co-ionannachd
Tairbhe a’ chànain: bidh pròiseas ann gus dèanamh cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig a gheibhear san fhiosrachadh chorporra uile aig deagh ìre agus gun gabh a tuigsinn.
Tha cùmhnant againn ri eadar-theangaire proifeiseanta agus bidh an t-Oifigear Gàidhlig againn a’ dearbhadh gach sgrìobhainn mus tèid a foillseachadh.
Taisbeanaidhean: bu chòir beachdachadh gu cunbhalach air cothroman gus taisbeanaidhean poblach a shealltainn gu dà-chànanach no ann an Gàidhlig, le prìomhachas ga thoirt don fheadhainn a dh’fhaodadh a’ bhuaidh as motha a thoirt air cùisean.
Gàidhlig aig na panailean eadar-mhìneachaidh againn aig Fèill Sgàin 2022; panailean dà-chànanach Peatland ACTION aig an Fhèill Àiteachais Rìghail 2022; agus taisbeanaidhean Bho Bheul an Eòin mar a chithear gu h-àrd.
Luchd-obrach
Sgrùdadh air sgilean: thèid sgrùdadh a dhèanamh air sgilean Gàidhlig an luchd-obrach agus na feumalachdan trèanaidh aca a thaobh Gàidhlig rè ùine gach plana.
Rinn sinn sgrùdadh air sgilean Gàidhlig an luchd-obrach againn sa Chèitean 2023. Toraidhean gu h-àrd.
Fiosrachadh inntrigidh: bidh fiosrachadh mu Phlana Gàidhlig an ùghdarrais phoblaich mar phàirt den fhiosrachadh inntrigidh a gheibh luchd-obrach ùr.
Bidh seo a’ tachairt.
Trèanadh cànain: thèid cothroman trèanaidh is leasachaidh airson sgilean Gàidhlig a thabhann don luchd-obrach, gu h-àraidh mar thaic do bhith a’ coileanadh Plana Gàidhlig an ùghdarrais phoblaich.
Cha do chuir sinn trèanadh cànain air dòigh rè ùine na h-aithisg seo.
Trèanadh le fiosrachadh mun Ghàidhlig: trèanadh le fiosrachadh mun Ghàidhlig, le prìomhachas air luchd-obrach aig àrd ìre, luchd co-dhùnaidh eile agus luchd-obrach air a bheil dleastanas a bhith a' conaltradh leis a' mhòr-shluagh.
Cha do chuir sinn trèanadh Gaelic Awareness air dòigh rè ùine na h-aithisg seo.
Fastadh: a’ toirt aithne do is a’ cur sùim ann an sgilean Gàidhlig an lùib nam pròiseasan fastaidh air feadh an ùghdarrais phoblaich.
Tha a’ Ghàidhlig na sgil mhiannaichte aig gach dreuchd bàn aig NàdarAlba.
Fastadh: bidh Gàidhlig air a h-ainmeachadh mar sgil riatanach agus / no a tha na buannachd ann an tuairisgeulan obrach gus cuideachadh le bhith a’ cur a’ Phlana Ghàidhlig an gnìomh agus a rèir an stiùiridh bho Bhòrd na Gàidhlig airson luchd-obrach fhastadh.
Tha a’ Ghàidhlig na sgil mhiannaichte aig gach dreuchd bàn aig NàdarAlba. Tha a’ Ghàidhlig na sgil riatanach do dhreachd an Oifigeir Ghàidhlig.
Fastadh: bidh sanasan-obrach dà-chànanach ann no ann an Gàidhlig a-mhàin airson a h-uile dreuchd far a bheil Gàidhlig na sgil riatanach.
Bidh seo a’ tachairt, ach cha do thachair e rè ùine na h-aithisg seo air sgàth ’s nach deach dreuchd anns a bheil a’ Ghàidhlig na sgil riatanach a shanasachadh.
Corpas na Gàidhlig
Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig: thèid cumail ris an tionndadh as ùire de Ghnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig anns na stuthan sgrìobhaidh uile a thèid fhoillseachadh leis an ùghdarras phoblach.
Bidh sinn a’ leantainn GOC san obair Ghàidhlig againn air fad.
Ainmean-àite: Iarrar agus gabhar ri comhairle bho Ainmean-Àite na h-Alba air ainmean-àite Gàidhlig.
Tha sinn nar ball de dh’AÀA is sinn ag iarraidh is a’ gabhail comhairle bhuapa cho math ri bhith a’ co-obrachadh ris a’ bhuidhinn air pròiseactan rannsachaidh. Tuilleadh fiosrachaidh air na pròiseactan gu h-àrd.