A’ comharrachadh dualchas ainmean-àite Inbhir Nis
16 Ògmhios 2021
Tha NatureScot air leabhar-iùil ùr air ainmean-àite baile is sgìre Inbhir Nis fhoillseachadh an-diugh.
Tha an leabhar a’ taisbeanadh dualchas cultarail is nàdarra prìomh bhaile mòr na Gàidhealtachd tro ainmeachadh is mìneachadh iomadh ainm-àite san sgìre.
Tha an leabhar a’ leantainn an t-sreatha shoirbheachail le NatureScot, A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre, a tha a’ dèanamh feum mòr de dh’eòlas ionadail gus an cuirear barrachd tuigse air na h-ainmean a tha a’ ceangal nan daoine agus am fearann, an àrainneachd is a’ choimhearsnachd.
Chaidh an leabhar a rannsachadh is a sgrìobhadh leis an sgeulaiche is neach-chraolaidh chliùiteach, Ruairidh MacIlleathain, a tha na eòlaiche air na ceanglaichean eadar a’ Ghàidhlig is an àrainneachd. Thuirt Ruairidh: “Tha ainmean-àite baile mòr is sgìre Inbhir Nis a’ comharrachadh measgachadh iongantach de dh’àrainnean is cruthan-tìre san sgìre, eadar mòintich àrda is cladaichean rèidh, agus tacannan, bailtean beaga is feartan a’ bhaile mhòir. Mar a chì sinn anns a’ mhòr-chuid den Ghàidhealtachd, ’s i a’ Ghàidhlig prìomh chànan na tìre, agus anns an leabhar seo tha mi a’ feuchainn ri ainmean-àite Gàidhlig a mhìneachadh agus tha mi a’ piobrachadh muinntir an àite is luchd-turais gus an cuir iad eòlas air a’ chànan agus air beairteas an dualchais chultarail againn.”
Tha am pròiseact air taic fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig cuideachd, a’ phrìomh bhuidheann phoblach airson a’ Ghàidhlig a leasachadh ann an Alba. Thuirt an t-Oifigear Maoineachaidh is Phròiseactan, Steven Kellow: “Tha na h-ainmean-àite Gàidhlig air leth cudromach ann an dualchas a’ chànain agus iad gu tric a’ dùsgadh ùidh is a’ toirt air daoine a’ Ghàidhlig ionnsachadh. Tha sinn fìor thoilichte ar cuid taic a chumail ris a’ phròiseact seo a tha a’ comharrachadh is a’ brosnachadh an dualchais Ghàidhealaich ann an sgìre Inbhir Nis agus tha sinn cinnteach gun tèid muinntir an àite a bhrosnachadh gu barrachd Gàidhlig ionnsachadh.”
Tha an leabhar-iùil ri fhaighinn air-loidhne air làrach-lìn NatureScot agus tha àireamh bheag de lethbhreacan clò-bhuailte ri faighinn air làrach-lìn Comhairle nan Leabhraichean. Bidh òraid air-loidhne anns an t-Sultain agus thèid an tuilleadh fios a sgaoileadh san àm ri teachd.
Read the full English version.