Thumbnail

Cùram luchd-cleachdaidh

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba a’ cur roimhe cùram luchd-cleachdaidh aig ìre àrd a sholar. Bu thoigh leinn gun cuireadh tu fios thugainn, ma tha thu den bheachd gu bheil easbhaidh air a bhith ann, gus an toireamaid seirbheis na b’ fheàrr seachad an ath-thuras. Faodar gearan a chur an cèill air fòn, tron phost no air post-d. Nì sinn ar dìcheall gus cùisean sìmplidh a rèiteachadh an ceann còig làithean obrach, ach ’s dòcha gum biodh ùine a bharrachd a dhìth airson cùisean a rannsachadh.

Modh-gearain

Ma tha rudeigin air a dhol ceàrr no mura h-eil thu sàsaichte leis na seirbheisean againn, nach leig thu fios dhuinn.

Tha sinn a’ mìneachadh a’ mhodh-gearain againn an seo agus ag innse dhut ciamar as urrainn dhut gearan a chur an cèill. Tha sinn ag innse mu ìrean nam modhan gearain agus nas urrainn dhut a bhith a’ sùileachadh bhuainn.

Tha sinn a’ cur luach anns na gearanan againn agus bidh sinn a’ cleachdadh fiosrachadh annta a leigeas leinn na sàr sheirbheisean againn a liubhairt.

Dè th’ ann an gearan?

Nuair a tha mì-riarachadh ann le neach, no barrachd na aon duine, sa mhòr-shluagh mu ghnìomh no cion-gnìomha le Dualchas Nàdair na h-Alba, no mun ìre de sheirbheis le no às leth Dualchas Nàdair na h-Alba.

Dè na gearanan a dh’fhaodas a bhith ann?

Faodar gearanan a chur an cèill mu na leanas:

  • Dàil le freagairtean air ceisteanan
  • Fàilleadh ri linn liubhairt seirbheis
  • Ìrean seirbheis
  • Am poileasaidh againn
  • Giùlan neach-obrach no mar a bhathar a’ dèiligeadh le neach-cleachdaidh
  • Mura robhar a’ cumail ri modh-obrach mar bu chòir.

Faodaidh tu gearan a chur an cèill mu chòrr is aon seirbheis no mu chuideigin a tha ag obair às ar leth.

Dè na h-adhbharan gearain a dh’fhaodadh a bhith ann?

Tha cuid a chùisean ann ris nach fhaod sinn dèiligeadh tron mhodh gearain againn, a leithid:

  • Iarrtas seirbheis àbhaisteach airson a’ chiad uair
  • Iarrtasan airson airgid-dìolaidh
  • Cùisean le còir ath-thagraidh nan lùib.

Ma tha modhan-obrach no còraichean ath-thagraidh ann a leigeas leat a’ chùis fhuasgladh, bheir sinn fiosrachadh is comhairle dhut airson do chuideachaidh.

Cò a dh’fhaodas cùis-gearain a thogail?

Faodaidh duine sam bith, agus riochdaire neach nach eil sàsaichte leis an t-seirbheis againn, cùis-gearain a thogail leinn.

Ciamar a thogas mi cùis-gearain?

Faodaidh tu cùis-gearain a thogail ann an aon de na h-oifisean againn, air fòn, ann an litir, air post-d no air foirm ceist air-loidhne.

Is fhasa dhuinn fuasgladh a lorg air gearanan ma thèid an cur an cèill gu luath agus gu dìreach. ‘S fheàrr bruidhinn ri neach-obrach againn cho luath ‘s a ghabhas. ’S urrainn dhaibhsan feuchainn ri fuasgladh a lorg sa bhad.
Tha am fiosrachadh a leanas a dhìth an lùib cùis-gearain:

  • Ainm slàn agus an seòladh agad
  • Àireamh-fòn agus/no seòladh puist-d agus an dòigh conaltraidh a b’ fheàrr leat
  • Tuairisgeul cho mionaideach ’s a ghabhas air a’ chùis
  • Nam b’ fheàrr leat gun toireamaid fuasgladh air a’ chùis.

Dè an ùine a th’ agam airson gearan a chur an cèill?

Feumaidh tu, mar as àbhaist, gearan a chur an cèill taobh a-staigh sia mìosan:

  • Bhon a thachair a’ chùis co-cheangailte ris a’ ghearan, no
  • Bhon a fhuair thu a-mach gu bheil adhbhar gearain agad, ach gun a bhith nas fhaide na 12 mhìos an dèidh an tachartais fhèin.

’S dòcha gun gabh sinn ri cùis gearain an dèidh a’ chinn-latha ri linn suidheachadh àraid. Ma tha thu den bheachd nach eil ceann-latha iomchaidh sa chùis-gearain agad, nach innis thu dhuinn carson?

Dè thachras an dèidh dhomh gearan a chur an cèill?

Innsidh sinn dhut cò tha a’ dèiligeadh leis a’ chùis-gearain agad.

Tha dà ìre an lùib a’ mhodh-gearain again:

Ìre 1 — fuasgladh an làrach nam bonn

Tha sinn ag amas air gearanan fhuasgladh gu luath agus faisg air an àite san deach an t-seirbheis a liubhairt, mar eisimpleir, ma thèid leisgeul a chur an cèill an làrach nam bonn agus mìneachadh, ma tha e soilleir, gu bheil rudeigin air a dhol ceàrr, agus gnìomh ga chur an sàs sa bhad airson an duilgheadas fhuasgladh.

Bheir sinn dhut an co-dhùnadh againn aig Ìre 1 an ceann 5 làithean no nas luaithe, ach ma bhios suidheachadh àraid ann.

Mura tèid againn air a’ chùis-gearain agad fhuasgladh aig an ìre seo, mìnichidh sinn carson agus innsidh sinn dhut dè as urrainn dhut a dhèanamh an uair sin. Faodaidh tu seo a dhèanamh sa bhad no uaireigin an dèidh dhut an co-dhùnadh againn fhaighinn.

Ìre 2 — rannsachadh

Thathar a’ dèiligeadh ri dà sheòrsa gearain aig Ìre 2: cùisean nach deach fhuasgladh aig Ìre 1 agus cùisean nas toinnte a tha feumach air barrachd rannsachaidh.

Nì sinn na leanas aig Ìre 2:

  • Bidh sinn ag aithneachadh gun d’ fhuaireadh do chùis-gearain taobh a-staigh 3 làithean-obrach
  • Nì sinn còmhradh, far a bheil seo iomchaidh, mun ghearan gus an tuig sinn carson a tha thu mì-riaraichte fhathast agus dè an co-dhùnadh a tha thu a’ sireadh
  • Bheir sinn freagairt iomlan dhut cho luath ’s a ghabhas agus taobh a-staigh 20 latha-obrach
  • Ma bheir an rannsachadh againn nas fhaide na 20 latha-obrach, leigidh sinn fios. Thig sinn gu aonta leat air cinn-latha agus cumaidh sinn fios riut a thaobh adhartais.

Dè ma bhios mi mì-riaraichte fhathast?

An dèidh dhuinn rannsachadh iomlan a choileanadh, ma bhios tu mì-riaraichte fhathast leis a’ cho-dhùnadh no leis an dòigh a dhèilig sinn leis a’ ghearan, faodaidh tu iarraidh air Ombudsman Roinn Phoblach na h-Alba a’ chùis a sgrùdadh.

Chan fhaod an t-Ombudsman na leanas a sgrùdadh mar as àbhaist:

  • Gearan nach do choilean am modh gearain againn fhathast (mar sin dheth, feumar dèanamh cinnteach mus cuirear fios don Ombudsman)
  • Cùisean a thachair, no a chuir thu eòlas air, o chionn còrr is bliadhna
  • Cùis a tha air a bhith no a thathar a’ breithneachadh air sa chùirt.

Taic airson do ghearan a chur an cèill

Tha sinn a’ tuigsinn gur dòcha nach urrainn dhut, no gur mòr leat, gearan a chur an cèill. Bidh sinn a’ gabhail ri gearanan bho riochdaire an neach a tha mì-riaraichte leis an t-seirbheis againn. Gabhaidh sinn ri gearanan le caraid no neach-dàimh ma tha thu fhèin air cead a thoirt dhaibh.

Gearanan mu bhuill bùird no comataidh

Ma tha thu ag iarraidh cùis-gearain a chur an cèill mu ghiùlan ball bùird no comataidh aig Dualchas Nàdair na h-Alba, faodaidh tu a chur gu:

Coimiseanair airson Bhun-tomhasan Beusail ann am Beatha Phoblach na h-Alba
39 Drumsheugh Gardens,
DÙN ÈIDEANN,
EH3 7SW
Fòn: 0300 011 0550
Post-d:
investigations@ethicalstandards.org.uk

Cuir fios thugainn

Cùram Luchd-cleachdaidh
Dualchas Nàdair na h-Alba
Post-d:
enquiries@nature.scot

An tuilleadh fios

Beachdan, molaidhean agus gearanan

Modh Làimhseachaidh Ghearanan – Stiùireadh don Luchd-cleachdaidh

Aithris air giùlan ris nach gabhar